Dàin agus Oràin le Màiri Nic a' Phearsain
Nuair Bha Mi Og
[Fonn / Tune]
Moch 's mi 'g éirigh air bheagan éislein,
Air maidinn Chéitein 's mi ann an Os,
Bha spréidh ag géumnaich an ceann a chéile,
'S a' ghrian ag éirigh air Leac an Stòir;
Bha gath a' bòillsgeadh air slios nam beanntan,
Cur tuar na h-òidhche na dheann fo sgòd,
Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannar,
Toirt na mo chuimhne 'n uair bha mi òg.
Toirt na mo chuimhne le bròn is aoibhneas,
Nach fhaigh mi càinnt gus a chur air dòigh,
Gach car is tionndadh an corp 's an inntinn,
Bho'n dh'fhàg mi 'n ghleann 'n robh na sùinn gun ghò,
Bha sruth na h-àibhne dol sìos cho tàimhidh,
Is toirm nan allt 'freagar cainnt mo bheòil,
'S an smeòrach bhìnn suidhe seinn air meanglan,
Toirt na mo chuimhne 'n uair bha mi òg.
'N uair bha mi gòrach a' siubhal mòintich,
'S am fraoch a' stròiceadh mo chòta bàn,
Feadh thoman còinnich gun snath'nn a bhrògan,
'S an eigh na còsan air lochan tàimh;
A' falbh an aonaich ag iarraidh chaorach,
'S mi cheart cho aotrom ri naosg air lòn,
Gach bòt is pòll agus talamh tòll,
A toirt na mo chuimhne 'n uair bha mi òg.
Toirt na mo chuimhn' iomadh nì a rinn mi,
Nach faigh mi 'm bànn gu ceann thàll mo sgeòil,
A' falbh 's a' gheamhradh gu luaidh is bàinsean,
Gun solus lòinnir ach ceann an fhòid;
Bhiodh òigridh ghréannar ri ceòl is dànnsa,
Ach dh'fhalbh an t-àm sin 's tha 'n gleann fo bhròn,
Bha 'n tobht aig Anndra 's e làn de fheanntaig,
Toirt na mo chuimhne 'n uair bha mi òg.
'Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan,
Far 'n robh mi suaimhneach a' cuallach bhò,
Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach,
De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò;
Na raoin 's na cluaintean fo fhraoch is luachair,
Far 'n tric na bhuaineadh leam sguab is dlògh,
'S na 'm faicinn sluagh agus tighean suas annt',
Gum fàsainn suaimhneach mar bha mi òg.
An uair a dhìrich mi gual an t-Sìthein,
Gun leig mi sgìos dhiom air bruaich an lòin,
Bha buadhan m'inntinn a' triall le sinteig,
Is sùil mo chìnn faicinn loinn gach pòr;
Bha 'n t-sòbhrach mhin-bhuidh' 's am bearnan-brìghde,
An cluaran-riòghail, is lus an òir,
'S gach bileag aoibhneach fo bhraon na h-oidhche,
Toirt na mo chuimhne 'n uair bha mi òg.
'Nuair chuir mi cùl ris an eilean chùbhraidh,
'S a ghabh mi iùbhrach na smùid gun seòl,
'Nuair shéid i 'n dùdach 's a shìn an ùspairt,
'S a thog i 'cùrsa o Thìr a' Cheò;
Mo chridhe brùite 's na deòir le m' shùilean,
A' falbh gu dùthaich gun sùrd, gun cheòl,
Far nach faic mi cluaran no neòinean guanach,
No fraoch no luachair air bruaich no lòn.
Air Ais
Eilean a' Cheo
[Fonn / Tune]
Ged tha mo cheann air liathadh,
Le diachainnean is bròn,
Is grian mo leth-chiad bliadhna,
A' dol sios fo na neòil;
Tha m'aigne air an lionadh,
Le iarratas ro mhór,
Gum faicinn Eilean Sgiathach,
Nan siantanan 's a' Cheò.
Tha còrr 's da fhichead bliadhna,
Bho 'n thriall mi as ga m' dheòin,
'S a chuir mi sios mo lion,
Am meadhon baile-mhóir;
Is ged a fhuair mi iasgair,
A lion mo thigh le stòr,
Cha do dhi-chuimhnich mi riamh,
Eilean Sgiathanach a' Cheò.
'N uair chuimhnichean an Cuilidhean,
'S a thulchann ris na neòil,
Glàmaig is Beinn Bhuirbh,
Eilean Thuilm is Leac-a'-Stòir;
Gu 'n ruiginn Rugha-Hùinis,
Gach cnoc is cùil is fròg,
'S an taobh eile sealladh aoibhneach,
De Mhaighdeanan Mhic-Leòid.
An tir 's an robh na fiùrain,
'S gach cuis a sheas an còir,
Bha smior is neart na 'n dùirn,
'S cha b'e 'n sùgradh tigh'nn na'n còir,
'S o'n rinneadh dhuinn an cùnntas,
Gu onoir, cliù, is glòir,
Na dh'eirich fo na Chrùn diubh,
A Eilean cùbhr' a' Cheò.
Ma theid mi dhuibh ga innseadh,
Cha mhearachd brigh mo sgeòil,
Oir tha e air a sgriobhadh,
Dha 'n linn sam beil sinn beò;
Bha còrr agus deich mile,
Fo'n Righ a ghabh an t-òr,
Gu onoir 's dion ar rioghachd,
A Eilean grinn a' Cheò.
Chan 'eil mi dol a dhiteadh,
Aon tir fha fo na neòil,
Ach 's nàdurrach gun innsinn,
Mu 'n tir san robh mi òg;
'Measg nam piobairean a b'fheàrr,
A chuir gaoth am màl gu ceòl,
Chaidh ciad is fichead àrach dhiubh,
An Eilean àrd a' Cheò.
Cò nach tugadh gnùis,
Agus cliù 's na h-uile dòigh,
Do luchd nam breacan dù-ghorm,
Nan lùirichean 's nan sròl?
Oir cha robh 'léud a ghrùnnd,
Air a chùnntas 's an Roinn Eòrp,
Thog urad riamh a dhiùlnaich,
Ri Eilean cùbhr' a' Cheò.
Cuir mo shoraidh bharr nan cuantan,
Gu Eilean uain' a' Cheò,
Far am bi na fleasgaich uasal,
A' ruagadh damh nan cròc;
'S na mnaithean-tighe guanach,
A' deanamh uaill na'n clò,
'S gur tric a ghabh mi duanag,
Ga luadh anns a' Ghleann-mhór.
'N uair thigeadh tus an t-samhraidh,
Cha ghanntar a bhiodh oirnn,
Bhiodh pailteas bidh is annlain,
Anns a ghleann 's an robh na seòid;
Bhiodh gruagaichean air àiridh,
'S an crodh le 'n àl mu'n chrò,
'S a' deanamh ime 's càise,
An Eilean àrd a' Cheò.
'N uair thigeadh tùs a' Mhàigh,
Biodh gach iasgair 's ràmh na dhòrn,
'S na bàtaichean na 'm miltean,
Ann an Loch Phort-righ fo'n seòl;
Dol suas gu bun Loch Eidhnort,
'S gach sonn a' seinn a' cheòil,
A rinn na bàird bu shaibhir,
A bha 'n beanntainn a' Cheò.
'N uair thigeadh an Fheill-Màrtainn,
'S an spréidh 's am bàrr air dòigh,
Na fir a' deanamh càinnteig,
'S na plàtaichean na 'n tòrr;
Ri taobh na brig bhuntata,
Bhiodh baraill' làn de dh'fheòil,
Sud mar chaidh ar n-àrach,
Ann an Eilean àrd a' Cheò.
Is iomadh latha diomhain,
Gun chiall 'n uair bha mi òg,
A' bleoghann cruidh 's ga 'm fiarach,
Ann an Eilean ciar a' Cheò;
Ach tha mi 'n diugh cho cianail,
Le bonn-a-sia na m'dhòrn,
'S nach faigh mi ach an iarguin,
'S cha lion e slige cnò.
Ach cò aig a bheil cluasan,
No cridh tha gluasad beò,
Nach seinneadh leam an duan seo,
M' an truaigh a thainig oirnn?
Na miltean a chaidh fhuadach,
A' toirt uath an cuid 's an còir,
A' smaointinn thar nan cuantan,
Gu Eilean uaine 'Cheò.
Ach cuimhnichibh gur sluagh sibh,
Is cumaibh suas ur còir,
Tha beairteas fo na cruachan,
Fo 'n d'fhuair sibh àrach òg;
Tha iarunn agus gual ann,
Is luaidhe ghlas is òr,
'S tha méinnean gu ur buannachd,
An Eilean uaine 'Cheò.
Cuimhnichibh ur cruadal,
Is cumaibh suas ur stròil,
Gun teid an roth m'an cuairt duibh,
Le neart is cruas nan dòrn;
Gum bi ur crodh air bhuailtean,
'S gach tuathanach air dòigh,
'S na Sasunnaich air fuadach,
A Eilean uaine 'Cheò.
'N uair theannas mi ri smuaintean,
Gur tric mo ghruaidh fo dheòir,
A' cuimhneachadh nan uaislean,
Dha 'n d'thug mi luaidh cho òg;
Chaidh thairis thar nan cuantan,
'S a tha nise fuar fo'n fhòid,
Bho Sgoirebreac nan stuadh,
Far na thogadh suas na seòid.
Ach tiormaicheam mo ghruaidhean,
Is taisgeam suas mo dheòir,
Bho thainig earrach nuadh,
'S gu bheil cuid a dh'uaislean beò;
Thall 's a bhos m'an cuairt domh,
Gum faich mi snuadh an fheòir,
Meanglan 's badain luachrach,
Bho Eilean uaine 'Cheò.
Canaibh leam an duan so,
'S le suaimhneas seinnibh ceòl,
Mu'n naidheachd nuadh a fhuair sinn,
A Eilean uaine 'Cheò;
Gu Armadail nan stuadh
Gun d'thug Raonall gruagaich òg,
Nighean còirnealair cho ainmeil,
'S a than 'n diugh a' falbh an fheòir.
Ach cuimhnich do chuid tuatha,
Is cum do chluas ri 'm feum,
'S bi thusa mar bu dual duit,
Dha 'n t-sluagh a tha fo d'sgéith;
'S o'n thug thu 'n fhior bhean-uasal,
A Crombagh ruadh a' réisg,
Biodh beannachd Dhe 's do shluaigh leat
Na d'Eilean buadhmhor féin.
Ma shaoileas cuid gu diomhain,
Bhith sniomh leithid a ròp,
Bho 'n tha na stuic air crionadh,
Ann an Eilean ciar a' Cheò;
Ach fhad 's bhios grian san iarmailt,
Bid cuid de dh'iarmad beò,
De shliochd nan daoine diadhaidh,
'S bidh iad miadhor mar bu nòs.
Tha Clann-Dòmhnuill le laimh-laidir,
Is gu h-araidh Clann-'ic-Leoid,
Is iomadh fineadh dhàicheil,
Nach àicheadh dol san tòir;
'S o'n tha cuid diubh 'n diugh a làthair,
Tha mo ghàirdeachas ro mhór;
Is chuir Blackie onair àraidh,
Air Eilean àrd a' Cheò.
Beannachd leibh, a chàirdean,
Anns gach ceàrn tha fo na neoil,
Gach mac is nighean màthar,
A Eilean àrd a' Cheò;
Is cuimhnichidh sibh Màiri,
'N uair bhios i cnamh fo'n fhòid --
'S e nan dh'fhuiling mi de thàmailt,
A thug mo bhàrdachd beò.
Air Ais
Soraidh Leis An Nollaig Uir
LUINNEAG:
Soraidh leis an Nollaig ùir,
Thogadh gean air comunn ciùin,
'S air nach cuireadh reodha giùig,
Ged a bhiodh an Dùdlachd fuar.
Dh'fhag mi Eilean gaoil nan Sgiath,
Bho chionn còrr 's da fhichead bliadhn';
'S mar a chaochail iad an rian,
'S cianail leam a dhol ga luaidh.
'S iomadh Gàidheal tha fo bhròn,
A thogadh ann an Tir a' Cheò,
Ga thacadh anns a' bhaile-mhòr,
Le stùrr agus le ceò a' ghuail.
Agus miltean air dol fàs,
Dh'fhearann torach bheireadh bàrr,
Far na dh'àraicheadh na sàir,
Anns na blàir a chuireadh ruaig.
Ach thainig caochladh air na neòil,
Air na cnuic is air na lòin,
Far an robh na daoine còir',
'S e th'ann caoirich-mhòr is uain.
'N uair a nochd mi ris an àit,
Far an robh mo shluagh a' tamh,
Coin a' comhartach ri m'shàil,
'Cur na fàilt orm cho fuar.
'N uair a ràinig mi na dùin,
Tigh mo shean-mhath'r sios na smùr,
Toman rainich fàs 's a' chùil
Far an robh mi mùirneach uair.
'S ràinig mi Tobar-a-Mhàil,
Far an tric a dh'ol mi sàth,
Sligean eisirean na mhàs,
'S tha e 'n diugh cho làn de dhruaip.
Rainig mi tobar Iain Bhàin,
Dh'ainmichinn athair mo ghràidh,
'S na clachan mar a chuir a làmh,
Air am fàgail dhomh mar dhuais.
'N uair an sheas mi os an cionn,
Shil na frasan bho mo shùil,
Cuimhneachadh air luchd mo rùin,
A tha 'n diugh san ùir na'n suain.
Chaill mo bhuadhan uile 'n lùth,
'S thàinig nial a bhàis am ghnùis;
Dh'òl mi lan mo bhois d'an bhùrn,
'S rinn e m'ùrachadh san uair.
Rainig mi 'n tobhta bha làn,
Uair le cuid, is sluagh, is gràn,
Far an tric an d'rinneadh bàigh,
Ris na h-ànradh'ch a bh'air chuairt.
Dh'fheuch mi 'm faithnichinn an t-àit,
Far an robh mo mhàthair ghràidh,
'Suidhe maille rium mu'n chlàr,
'S i ga 'r sàsachadh le uaill.
Ach cha robh ùrnaigh ga cur suas,
Anns an fhardoich nach robh fuar,
'G iarraidh bheannachdan a nuas,
Air an t-sluagh a bhiodh na broinn.
Cha robh mi fada san àit,
'N uair a chaidh an sgeul os àird --
"Thàinig Màiri, Nighean Iain Bhàin,
'S tha i tàmh sa' ghleann ud shuas."
Chruinnich an sin luchd mo ghràidh,
A' cur furain orm le fàilt,
'S thuirt gach aon thug dhomh a làmh,
"Bidh cuimhne air Ian Bàn gun fhuath."
Thiormaich mi 'n sin suas mo dheòir,
'S thoisich mi air seinn mo cheòil,
Chumail m'aigne air an dòigh --
Tha cunnart anns a' bhròn air uair.
'S chaidh mi sios ri taobh an lòin,
Far an tric an robh mi òg,
Dh'iasgach chaimheineach le snòd,
'S iad na'n greòdan ris a' bhruaich.
Chaidh mi sios thun a' bheul-àth,
Far am bithinn tric a' snàmh,
'S thug mi cuigealach nam màg,
Leam mar chuimhn' air gràdh an t-sluaigh.
Ach cha robh maighdean no bean òg,
A' sniomh an t-sànth gu deanamh clò,
'N duine 's maid' aige na dhòrn,
Falbh air toir na mnatha luaidh.
'N uair a chruinneachadh gach òigh,
'S ann an sud a bhiodh an ròic,
Measair chàbhruich air a' bhòrd,
'S na fleasgaich anns an t-seòmar shuas.
Cha robh seiche ga cur suas,
Air an spàrr gu'm biodh i cruaidh,
Oidhche Challuinn tigh'nn a nuas,
'S chluinnteadh fuaim oirre le'n cloinn.
'N uair a chruinnicheadh an greòd,
'S ann an sud a bhiodh an ròl,
'G éigheach "Challainn, Challainn O!"
'S fear a' tòiseachadh ri dhuan.
H-uile fear 's a chasan rùisgt,
'S caman aig air chaol da dhùirn,
Stracadh dhroineagan le sùrd,
Cur bhannagan na 'n smùr 's na 'm bruan.
'N uair thàinig crìoch air an duain,
Bhiodh an caisean-Callainn suas,
Bean an tighe 's i gun ghruaim,
Tigh'nn a nuas dhaibh leis an dràm.
Cha b'e glaine bheag gun tuar,
Gheobhadh gille glas an duain,
Ach slige-chreachainn cur m'a bruaich,
'Chuireadh tuainealaich na cheann.
Ach chuala mi guth air mo chùl,
Mar gun éireadh neach o'n ùir,
"Nach 'eil Lachlann òg an Uird,"
Na cheann-iùil air ceann an t-sluaigh.
Gum faithnich sinn air na cluain,
Air na daisean 's iodhlann chruach,
Gun robh cridheachan an t-sluaigh,
Ga 'n cur suas cho math ri'n làimh.
Air Ais
Coinneamh nan Croitearan
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Fàilte dhuibh, 's deagh shlàinte dhuibh;
'S i 'n fhàilte chuirinn as ur dèigh,
Fàilte dhuibh, 's deagh shlàinte dhuibh.
Tha nise da fhichead bliadhn'
Ach ceithir miosan aig an àm,
Bho'n ghabh mi beannachd dhe mo chàirdean,
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
'S iomadh tonn a chaidh thar m' aodainn,
Smaointinn a chaidh troimh mo cheann,
Bho'n shuidh mi 'n toiseach air an làraich,
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
'S iomadh ceann a chaidh an currac,
'S osna mhuladach gu cheann,
Bho'n chaidh na mìltean againn àireamh,
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
Bha sluagh a' tional as gach ceàrna,
Mar a bhàrcas tuil nam beann,
Dh'éisdeachd teachdaireachd na slàinte,
Gu Beul-àtha-nan-trì-allt.
Tha iad a nise ann am Fàrras
Rinn an fhàistneachd aig an àm,
Gun rachteadh gu Cùirt na Bàn-righ'nn
Bho Beul-àtha-nan-trì-allt.
Chunnaic sinn bristeadh na fàire,
'S neòil na tràillealachd air chall,
An là a sheas Mac-Caluim làmh ruinn
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
Bha cheann-teagaisg anns a' Ghàidhlig,
'S éisdeadh "Arasaig" r'a chainnt,
Bho'n lèudaich e air eachdraidh Ahaib,
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
'S beag bha smaointeanan aig "Hàman"
Gun cluinnteadh gu bràth a chainnt,
Ach leughadh i le deagh Mhac-Phàrlain,
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
Thuirt cuid de na bha 's an làthair,
'G éisdeachd ri màbadh an clann,
Gum b'aithridh e air bogadh bàthaidh
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
Chuimhnich mi mnathan a' Bhràighe,
'S dìol mo chàirdean aig an àm,
'S 'n uair nochd "policeman" no dhà ruinn
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
'S coltas slachdan buntàta,
Bh'aig na h-àrmuinn mar an lann,
'S cumadh poit-ghuirmean mo mhàthar
Air a chàradh air an ceann.
Dha na fir cha toir sinn tàire,
'S taing dha'n Agh gu bheil iad ann,
Ach gheobh sinn fhathast gnìomh is fheàrr dhaibh,
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
'S e uachdarain, maoir, is bàillidh'n,
'Chuir ar fàrdach bun os ceann,
Gum biodh feum air gin gu bràth dhiubh,
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
Beannachd uainn gun muinntir Lunainn,
Sheas cho duineil air ar ceann,
'S gum faod sinn labhairt le dànachd,
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
Beannachd gu Uisdean Mac-Aidhe,
Bhrist a' bheàrna dha ar clann,
'S cha dh'fhàg iad clach na làrach
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
Air Ais
A' Chlach agus Màiri
[Séisd:]
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre
Dhen darach làidir shùbailte;
Nuair chaidh na ceither ùr oirre.
Siud far an robh an sgioba neònach
Ghabh an t-aiseag aig an t-Sròma,
A shealltainn air mnaoi-uasail chòir
Bha còir aice thaobh dùthchais air.
Ged a shiùbhladh tu 'n Roinn Eòrpa
Taghadh sgioba dhan a' gheòlaidh,
Chan fhaigheadh tu a dhà cho neònach
Ris a' chòrr bha thriùir innte.
Bha Teàrlach Friseal Mac-an-Tòisich,
'S Màiri Nighean Iain Bhàin nan òran,
Coinneach Beag is Eachann Og,
'S an t-òigear "Clach Na Cùdainn" innt'.
Thuirt a' "Chlach" rium fhéin cho stàirneil,
"Fuirich thusa muigh, a Mhàiri,
Gun tig Calum air do thàillibh --
Bheir thu àite triùir a-mach.
"Ma thig thusa staigh don bhàta,
Bidh sinn uile 'n cunnart bàthaidh;
Feumaidh mise beagan dàil
Gum faighear fàth air m'iompachadh."
Chaidh mi staigh innte le sùrdaig,
,
'S shìn a' "Chlach" air monmhar ùrnaigh,
"Fhreasdail, cùm sinn bhon a' ghrunnd,
Bhon chaill i na bha thùr aice."
Thuirt Coinneach Dòmhnallach ri Tèarlach,
"'S glic a dhol a-mach 's a fàgail."
Labhair Eachann Og, an t-àrmann,
"Cha bhi càil a chùram dhuinn.
"Ged tha m'athair-sa ri àbhachd,
Chan eil cùram air mu Mhàiri,
Bheir iad sinn gu caladh sàbhailt
Thar nan tonnan dùbhghorm."
[Thuirt Coinneach:]
"Tha seachd clacha deug am Màiri,
'S a' "Chùdainn" an còrr de dh'àireamh;
Is cunnartach a dhol gu sàil
Le màirisgich gun iompachadh."
Shuidh sinn suas oirre gu socrach
Cur ar cas ri taice tobhta,
Le sgionan locrach 's ràimh à Lochlainn,
'S choisinn sinn am biùthaiste."
Dh'iomair sinn le nuallain òrain,
'S chual' iad air gach taobh dhen t-Sròm sinn;
Thàinig an sluagh na ar còmhdhail,
'S sòlas feadh na dùthcha rinn.
Thòisich a' "Chlach" le chuid spàraig
Air a cur mun cuairt air Màiri --
"Dh'fheuchadh siud ri mac do mhàthar,
Ged bu Gheàrrloch dùbailt thu!"
Dh'iomair sinn gu caladh sàbhailt,
'S choinnich Bealag air an tràigh sinn;
Chuir i ceud is mìle fàilt' oirnn,
'S Teàrlach air an tùs againn.
Sin chuir Teàrlach oirre fàilte
Gu cridheil le crathadh làimhe,
Gabhail ioghnaidh ris a' bhàidh
'S an t-seirc a dh'fhàs sa ghnùis aice.
Chuimhnich sinn air an òran
Rinn an diùlnach Niall MacLeòid dhi,
'S nuair a fhuair sinn air ar dòigh,
Gun thòisich sinn air ionnsachadh.
Nuair a ràinig sinn an fhàrdach,
Cha robh Fearchar còir an làthair;
Dh'fhàg e dìleab aig a chàirdean
Bhios gu bràth na chliù aca.
Air Ais
Soraidh Leis An Ait'
[Fonn / Tune]
Soraidh leis an àit'
An d'fhuair mi m'àrach òg,
Eilean nam beann àrda
Far an tàmh an ceò;
Air am moch a dh'éireas
Grian nan speur fo ròs,
A' fuadach neul na h-oidhche
Soillseachadh an Stòrr.
Cur m'aghaidh air Ghlaschu,
B'airtneulach mo cheum,
Cur mo chùl ri càirdean
Nochd am bàidh cho treun;
Ghluais ar buadhan nàduir
Ann an gràdh dha cheil',
Shruth mo dheòir a-bhàn,
Is dh'fhàilnich guth mo bhèil.
Cò aig a bheil gràdh
No tàlantan na cheann,
Is dèidh air obair nàduir,
Nach toir stràcan ann?
Sasunnaich is Stàdaich
Agus àireamh Ghall,
A chosdas cuid de'm maoin
A dh'fhaicinn taobh Chuith-raing.
Flòdagaraidh sgiamhach,
Càit' eil d'fhiach de ghrunnd?
'S ainmeil an crodh-dàra
A dh'àraicheadh air d'fhonn;
Is nuair a thig an oiteag
Bho Lochlann oirnn a-nall,
Sèideadh air Sròin Bhaornaill,
'S cùbhraidh gaoth do bheann.
Tha 'n sneachda is an neòinean
A' pògadh beul ri beul,
Shamhradh is a gheamhradh
Ann an ceann a chéil';
Canach air do mhòintich,
'S lògar air gach fèith,
Muran air do chruachain,
'S luachair air do rèisg.
Creag Shniadhasdail nam biatach,
Fraigh-shnighe sìos gu bonn,
Cruinneachadh na loch
San seòladh coit is long;
‘S ged bhiodh neach le prosbaig,
Chan fhaiceadh e a ghrunnd;
Bhon nigh Fionn a chasan,
Dh’fhàg e ‘n t-uisge donn.
Tha do lochan rìomhach
Sìnte staigh feadh d’eang,
Dealachadh ri chéile
Rèidhleanan is beann;
‘S ma tha neach le léirsinn,
Chan i bhreug a th’ann,
Chì iad bhàrr do shléibhtean
Pàirt de dh’Eirinn thall.
‘S aoibhneach Eilean Asgrab,
Fàilteachadh nan tonn,
‘S uaibhreach creagan Gheàrraidh,
Sàilean os a cionn;
Suas gun ruig thu ‘m Fàsach,
Far an tàmh an sonn,
Steinn is Sgòr a’ Bhàigh,
An t-àite ‘s àille fonn.
Seall fo Chaisteal Uisdein
Feasgar ciùin gun cheò,
Ghrian a’ dol ‘san iar
‘S a dreach air fiamh an òir;
An cuan na leabaidh dhìon
Do dh’iasgaibh de gach seòrs’,
Is buar a’ dìreadh suas
Gu ceann Bòrd uain’ Mhic Leòid.
Seallaibh o’n a’ Chrannaig
Madainn ghreannach fhuar,
Null gu Eilean Liandail,
‘S a’ ghaoth ‘n iar tighinn tuath;
Tonnan air an riasgladh,
‘G éirigh sìos is suas,
‘S bàtaichean le’n iasgairean
Cur siar nan stuagh.
Sealladh na bu bhrèagha
Riamh chan fhaca sùil,
Spréidh a-mach gam feurach
Maduinn ghrianach chiùin;
‘N uiseag air a sgiath,
Seinn gun fhiamh a ciùil,
‘S an ceò mu cheann Beinn Tìonabhaig,
Is an sliabh fo dhriùchd.
Suidh air cnocan uain’
Air Cruachan Saidhebhìnn,
Seall gach taobh mu’n cuairt dhut
Eadar cuan is tìr;
Sgoirebreac nan stuagh
‘S na thogadh suas na suinn,
‘S Dòmhnullaich nam buaidh
Cur snuadh air Port an Rìgh.
‘S iomadh rosg a dh’iadhas,
Sealltainn sìos le sùil,
Air do chreagan iargalt’,
Air gach lian is stùc;
Thig uaislean nan ceudan
Nuair tha bhliadhna ciùin,
Tional às gach ceàrn
Air bàtaichean na smùid.
Eileanan a’ chuain
Mu’n cuairt dhut air gach àird,
Seallaidh iad le uamhann
Air do stuaghan àrd;
Nuair a dh’éireas buaireas
Eadar cuan is tràigh,
Nì Mol Stamhainn nuallan
‘S uair dhaibh bhith nan tàmh.
Mhuinntir chòir tha làthair,
‘S a tha tàmhach ann,
Cumaibh suas ur gnàths,
Ur bàidhealachd ‘s ur cainnt;
Tha móran a dh’fhàg e,
An ceàrnaidh fad’ o làimh,
Chuimnhicheas le gràdh
Beul-àtha-nan-trì-allt.
Nuair ràinig mi ‘n t-àite,
‘N d’fhuair mi m’àrach òg,
Far an robh ar n-àirigh,
Spréidh le’n àl mu’n chrò,
Choltaich mi ri Gàidhlig
Torman tlàth nan lòn,
“’S aoibhneach leinn, a Mhàiri,
D’fhaicinn slàn ‘s tu beò.”
Seinneadh gach fear-ciùil
Le mùirn a dhachaidh fhéin,
‘S cumaibh suas a cliù
Ma bhios ur cùrsa réidh;
Ach cha ghabh sinn mùiseag
Os ur cionn gu léir,
Nach eil spot as cùbhr’
Air an laigh driùchd o nèamh.
Air Ais
Deoch-Slàinte Càirdean Na Gàidhlig
Olaidh sinn deoch-slàinte Chluainidh,
'S tràghar tunnachan g' a cheann.
C'àit' am faicteadh fear do chéum,
Fo d'fhéile fhéin de bhreacan ùr.
Le do chòmhlan ghillean àluinn,
Nuas o Bhàideanach nan stùc.
Caraid is cùl-taic na Gàidhlig,
'S fhad o'n dh'àrdaicheadh do chliù.
C'uime 'n leagteadh gus an làr i,
'S suinn cho dàicheil air a cul?
Fear dhiubh suidhe 'n Cùirt na Bàn-righ,
Cumail gaoith an àird a siùil.
Cha tig smal air cliù na Gàidhlig,
'S Teàrlach Bàn na shuidh air stiùir.
An t-ollamh Blackie air ramh-bràghad,
'S tuinn na Gàidhlig togail smùid.
'S 'n uair a ghlacar leis an ràmh,
Gum faic sibh chuailein bàn fo dhriùchd.
'S 'n uair a dh'éireas i na caoirean,
Chi sibh 'n fhaoilt thig air a ghnùis.
A teas-meadhoin sruth gach cànainn,
Thug e Ghàidhlig leis air tùs.
Ga cur ann an cathair làidir,
An déigh a bhàis gu seinn a chliù.
'S tha laoch eile rinn ar còmhnadh,
Lachlann Og o Thigh an Uird.
Iar-ogh' Ruairidh Mhóir nam féile,
Leis an éireadh an luchd-ciùil.
Eiridh na Gàidheil gu léir leat,
'S uaislean Eirinn air an cùl.
'S bho'n a thagh thu d'aite-còmhnuidh,
Seinnidh mi le deòin do chliù.
Far an robh mi fhìn na m'òige,
'S deòin-bhàigh agam ris an ùir.
'S far an tric na sheinn mi òran,
Cuallach bhò air chùl nan dùn,
Olaidh sinn slàinte Fir Liandail,
'S math a b'fhiach e bhith 's a' chùirt.
Dhearbh thu bhith na d'dhuine uasal,
Bho'n a ghluais thu riamh o thùs.
'S math gum b'aithne dhomh na m'òig thu,
Ged tha'n t-eòlas dol air chùl.
Tha Eilean-a'-Cheò fo d'fhiachan,
Tha bhith riaghladh ann an cùis.
Deanamh rathaid dha'n each-iarainn,
Dha na criochan sin a nùll.
'S ma theid e seachad air Liandail,
Bidh na ciadan na do chùirt.
'S tha mi'n duil nach toir thu 'n t-srian as
Gus am biadh thu e 's an Dùn.
"Biodh an deoch-s' an làimh mo rùin;
Slàinte le fear an Tùir;
Biodh an deoch-s' an làimh mo rùin."
Air Ais
>
Oran Sarachaidh
[Luinneag.]
Och-òin a Rìgh, 's gur a mi tha muladach,
Airson na tàmailt 's na tàir a dh'fhuiling mi;
Le droch luchd-riaghailt, gun Dia gun duinealas,
Nach téid air dìochuimhn' gu crioch mo thurais leam.
Cha téid mi dh'innseadh gach nì a chunnaic mi,
Mu "Clach-na-Cùdainn" 's mi ùine fuireach ann;
'S ge h-iomadh tàrmagan grannd thug buille dhith,
Tha Clach an àird agus càirdean duineil aic'.
'S tha cuid 's na 'n cual iad 's an uair mar thachair dhomh,
M'an dh'fhàs e fuar nach b'e cluas bu chlàisteachd dhaibh,
Gum biodh luchd m'fhuath ged bu chruaidh an aisneachan,
Le smior an guaillean nan cual mar asbhuain leo.
A Chlach-na-Cùdainn, dean d'ùrnaigh 's achanaich,
Is faigh an dùrachd air taobh an fhasgaidh dhiot;
Gun téid do nàimhdean air chall 's nach faicear iad,
A chreic da chlànn air son gàmhlas Shasunnach.
A Chlach-na-Cùdainn, mo dhùrachd fallain duit,
Tha cuid dhe d'fhiùrain an dùthaich aineolaich,
A thogadh mùirneach le cliù gun sgainnealaich,
A dh'fhàgadh rùisgt' ann an cùirt gun bharantas.
'S ge math am Bàillidh 's ge àrd a theastanas,
Cha d'chum e àit' air a chlàr 'n do sheasadh leis;
'S chan fhaod e àicheadh air cnàmh a pheircill
Nach do ghabh e pàirt agus paidheadh nan easbuigean.
B'e d'àithne 's d'ùghdar 's a' chùirt 'nuair sheas thu innt',
Gum faighinns' ùine mo chùis a leasachadh;
'S chuir thu na clùdan fo chonn luchd-freiceadain,
'S ged fhuair mi ràthan chaidh m'fhàgail eatorra.
Sheas mi 'm aonar 's a' chàonnaig fhuileachdaich,
Am fianuis chiadan 's tha diachainn uil orra;
Fo spògan dhiabhuil nach iarradh tuilleadh
Ach luchd-lagh a bhiadhadh gu dian an cunnairt bhuain.
'S ged fhuair mi tàmailt o làmh an eascaraid,
A rinn am pàigheadh gu'n àite sheasamh dha;
Chaidh aon fhear àrach an àird aig Easaich dhiubh,
Le'm b'àill mo bhàthadh ach b'fheàrr mo theastanas.
'S ged rinn thu briágan ga 'n dìon 's ga 'n teasraiginn,
Chan fhacas riamh air mo bhliàn 's an eabar mi;
An tigh an òil le luchd-pòit a' sgeigireachd,
'S e sud am bòrd aig am bu dòcha sheasadh tu.
'S tu 'n sionnach ròmach tha seòlta fuileachdach,
Tha làn de àinneart is tuill a chumas e;
Ma théid thu shealg 'n uair bhios fearg is acras ort,
Mo thruaigh an t-ainmhidh a dh'earb a carcais riut.
'S iomadh crèutair le éiginn 's uireasbhuidh,
D'an d'rinn thu bòidean an coir gu'n cumadh tu;
Ach ghearr thu 'n sgòrnan, is dh'òl thu 'n fhuil aca,
'S an cairbh air mòintich fo spòg nan iolairean.
'S ged tha thu 'n dràsd' ann an slàint' is seasgaireachd,
'S do shàibhlean làn de na dh'fhàs 'san Easaich dhuit;
Ma thig am bàs mur dean gràs do theasraiginn,
Bidh 'chogais làidir a ghnàth ga teasachadh.
Ach tionndaidh tràth gus an t-slàint' a dheasaicheadh,
M'an tig am bàs ort nach tàr thu teicheadh uaith;
Cuimhnich Pàl agus pàirt mar eiseimpleir,
'Bha cheart cho dàn ann an càs an eascaraid.
So mo làmh 's na biodh càil a dh'eagal ort,
Nach suidh mi làmh riut -- tha gràs cho freagarrach;
Ach fàg do bhràthair is càch ri ceistean,
Agus lean an Ceann an nì bhàntrach eadraiginn.
'S ged rinn mi 'n duan duibh cha 'n fhuath leam idir sibh,
Bho'n dh'fhalbh am fuachd agus cruadhs mo thrioblaide;
'S gun till an sàmhradh gun chàll 's an Fhreasdal dhomh,
Tha mi tàingeil -- thug àinneart leasan dhomh.
Air Ais
Oran Beinn Lì
[Fonn / Tune]
[Sèisd:]
Thugaibh taing dhan a' mhuinntir
Tha fo riaghladh na Bànrigh,
Rinn an lagh dhuinn cho diongmhalt'
'S nach caill sinn Beinn Lì.
Cuiribh beannachd le aiteas
Gu tuathanaich Bhaltois,
Bha air tùs anns a' bhatail,
'S nach do mheataich 'san strì.
Thugaibh beannachd gu "Pàrnell",
Thug a' bhuaidh air "An t-Sàtan",
Air chor 's nach faicear gu bràth e,
Tighinn air àrainn na tìr.
Nuair thàinig e chiad uair
'S lethcheud "aingeal" fo riaghladh,
Chuir e còignear an iarainn
Ann an crìochan Beinn Lì.
'S na diùlnaich a b'uaisle,
'S nach robh riamh ann an tuasaid,
Chaidh na ruighich a shuaineadh
Gu cruaidh air an dùirn.
Chaidh an giùlan leis "na h-aingle",
'S an glasadh an gainntir;
'S a dh'aindeoin cumhachd an nàimhdean,
'S leò am fonn is Beinn Lì.
'S na mnathan bu shuairce
'S bu mhodhaile gluasad,
Chaidh an claiginn a spuaiceadh
Ann am bruachan Beinn Lì.
'S ged bha 'n sealladh na uamhas,
'S an fhuil a' reothadh san luachair
Le slachdain nan truaghan,
Cha d'fhuair iad Beinn Lì.
Siud a' bheinn a tha dealbhach,
'S dhan a' Bhànrigh bha sealbhach,
'S chan eil beinn ann an Albainn
'N-diugh cho ainmeil 's Beinn Lì.
'S iomadh rosg a nì mùthadh
Tighinn air bàta na smùide,
'S iad a' sealltainn len dùrachd
Air bruthaichean Beinn Lì.
'S ged a tha 'n Cuilithionn is Glàmaig
Measg nam beanntan as àille,
Cha bhi 'n eachdraidh air a fàgail
Aig air sàiltean Beinn Lì.
Nis Albannaich shuairce,
Cùl-taice na tuath-cheathairn,
Thoir an eachdraidh thar chuantan,
Tha air luaidh ann ar tìr.
Cuiribh fios gu Dùn Eideann,
Gu fear tagraidh na h-eucoir,
Agus innsibh dha chlèirich
Mun euchd rinn Beinn Lì.
Cuiribh litir le sòlas
Gu pàipear an Obain,
A bha riamh ga ar còmhnadh
Bhon là thòisich an strì.
Ghabh e bratach na tuath-cheathairn
'S bha i paisgte mu ghuaillean,
'S nuair a thòisich an tuasaid,
Chaidh i suas a' ghaoith.
Chaidh i suas ann ar fàbhar
Air na cnocan a b'àirde,
Chumail misnich sna Gàidheil,
Mar nì gàirich nam pìob.
Cuiribh caismeachd a Ghlaschu
Gu "Posta na Seachdain",
'S bheir an Camshronach sgairteil
Dhuibh le aiteas a brìgh.
Cuiribh fios gu na Dailich
Dh'fhuiling eucoir sa charraid,
'S gu MacMhuirich, mo charaid,
Nach do dh'fhannaich san strì.
'S math an colaisd' am prìosan --
'S fhad o dh'aithnich mi fhìn sin --
Ach thig buaidh leis an fhìrinn,
Dh'aindeoin innleach nan daoi.
'S math an colaisd' an "Calton" --
'S ceart a dh'fhoghluim e 'm "Martar",
Ged bha cuid thug às acaid
Leis an rachd a bha nan crìdh.
'S nis, a chroitearan ionmhainn,
Cumaibh cuimhn' air MacAonghais,
'S dèanaibh sòlas ri iomradh,
An duine shuilbhearra, ghrinn.
'S ged a dh'fhàg e ar sràidean
Le bhanoglach bhàidheil,
Tha i son' ann a' Bhàlaidh
Dol gu àirigh cruidh-laoigh.
'S i athchuing' is ùrnaigh
Gach bochd a bha dlùth dhi
Gum bi toradh an dùrachd
Na cùrsan a-chaoidh.
Air Ais
Luchd na Beurla
[Fonn / Tune]
Tha mi sgìth de luchd na Beurla;
Tha mi sgìth dhiubh cheart da rìreabh;
'S ann leam fhìn gur fhada n' céilidh;
Tha mi sgìth de luchd na Beurla.
Chunnaic mise ann am bruadar,
Saighdearan a thigh'nn m'an cuairt dhomh,
Captain Boland 's da mhnaoi uasail,
'S ghabh mi uamhas 's rinn mi éirigh.
Gur a mise tha fo mhì-ghean,
Bho'n a chuireadh mi an phrìosan,
Bha h-aon-deug a rinn mo dhìteadh,
'S thug iad mo bhìnn anns an eucoir.
Chuir iad mi air leacan fuara,
'S chuir iad bòrd fo'm cheann mar chluasaig,
'S b'fheumail cogais shaor dhomh 'n uair sin;
Chùm i suas mi 's rinn i m'éideadh.
Bu mhath dhomhsa mar a thachair,
Nach robh chogais ga mo thacadh,
Sud an ni a chùm an taic rium,
'N uair a thachair dhomh bhi m'éiginn.
'N uair thig latha mór a' chùnntais,
'S a théid gach cogais a dhùsgadh,
Bidh iomadh h-aon is crith na'n glùinean,
Reic an crùn le fianuis bhréige.
Cha do chreid iad air mhodh slàinteil,
Gun robh ac' anamannan neo-bhàsmhor,
Dh'fheumas seasamh anns a ghabhadh,
An là a ni E 'n àird a sheudan.
Neach a shàraicheas an truaghan,
'S, a bhantrach, nach gabh e truas dith,
Thig an là an cluinn an cluas,
A bhinne chruaidh a théid orr' éigheach.
Thuirt an Ceàrrach rium gu dàna --
"De do bharail air an àite,
'S math an airidh thu bhith tàmh ann,
Nach 'eil nàir ort air son d'eucoir?"
'S ann a labhair mi gu dàna --
"Chan eil agam aobhar-nàire,
Cha do ghoid mi fiach an fhàirdein,
'S cha dèan càineadh sion a dh'fheum duit.
Nuair a bha Ioseph anns a' phrìosan,
Bha e foighidneach na inntinn,
'S math a thàinig sud gu crìch da,
Fhuair e sìth ri Rìgh na h-Eiphit.
Tha ioghnadh orm ri Bàillidh Simpson,
Nach do chùm e dlùth r'a fhacal,
'N uair a leig e luchd mo chasaid,
A dhol ga m'thacadh leis an eucoir.
Ach bha Mammon dlùth dha'n chàirdeas
Le chuid ionmhais anns a' mhàileid,
'S e gaol nam bonn a reic ar Slànair
'S air a sgàth chaidh mise cheusadh.
'S e thuirt e latha na cùirte --
"Tha 'n uiread s' agamsa de dh'ughdar;
Cuiribh fiach air ceann nan clùdan,
'S gheibh a' bhean an rùm gu'm pàidheadh."
Thuirt Captain Boland 's e ag éirigh --
"Ochd puinnd Shasunnach na'n éirig;"
Thuirt m'fhear-cinnidh fhéin gu h-eudmhor,
"'S mise fhéin ni sin a phàidheadh,"
'S ann a chruinnich iad m'a thimchioll,
Coltach ri sgaoth de na guilbnich,
"'S fiach m' an dèan i roinn is tiomnadh --
Cuiribh Murachadh as a déighe."
Tighinn a nuas Sraid a' Chaisteil,
Shaoil leam gun d'fhailig mo cheann,
'S mur biodh Murachadh rium cho cneasda,
'S ann 's an Leachdainn bha mi 'g éirigh.
Gur e fhéin an duine dàicheil,
'S gur math is aithne dha àite,
Ach 'n uair thachras e ri meàirlich,
Gheibh e chàineadh 's bheir iad beum dha.
'S e cuibhl' an fhortain a dhol tuaitheal,
A chuir mise anns a' chruaidh-chàs,
Cha robh aon a ghabhadh truas dhiom,
Oir cha chual' iad mu mo dheidhinn.
Ach nam bithinn na mo dhùthaich,
Far na dh'àraicheadh air tùs mi,
Cha robh Sasunnach fo'n Chrùn,
A dh'fhaodadh sùil thoirt orm le eucoir.
Gur a mise tha gu cràiteach
Smaointeachadh cor mo chuid phàisdean,
Ach an Ti bho'n d'fhuair mi fàbhor
Bheir e'n àird iad 's cha tig beud orr'.
Bha mi seachd is fichead bliadhna,
Fo éisdeachd an duine dhiadhaidh,
'S 'n uair a thàinig uair mo dheuchainn,
'S ann a dh'fhiach e nach robh feum ann.
'N uair a chuir mi air a thàilleadh,
'S ann a rinn e gu tur m'àicheadh,
Sud agaibh mar a rinn Pàdruig,
'N uair chaidh an Slànaighear a cheusadh.
'S mise nach do ghabh an t-ioghnadh,
Ri leithid de dhuine gaolach,
'N uair a chreid e bean dhe m'aois,
A dhol a thaobh cho fad an eucoir.
Dhol a nàrachadh mo dhaoine,
A choisinn cliù air feadh an t-saoghail,
Air son clùdan a sheann aodach --
Tha sin saor shuibh, 's deanaibh éisdeachd.
Bu Bhan-Stiùbhartach mo sheanamhair --
Dòmhnullaich bho thaobh nan garbh-chrioch,
Bha Clann-Aonghais, 's cha bu chearbach,
Fhuair iad ainm am Blàr na h-Eiphit.
Tha cuid eile dhiubh na'n sìneadh,
Aig na Sasunnaich le 'm mìorun,
'S e Cuil-fhodair tha mi 'g innseadh,
'S rinn na miltean sin a leughadh.
Tha ar dùthaich ar a truailleadh,
Leis a' ghràisg tha tighinn mu thuath oirnn;
Chan eil creutair bochd a ghluaiseas,
Nach téid a chuaradh 's a reubadh.
Cha b'e sud a bha mi faicinn,
Aig na daoine còir' a chleachd mi,
Ach bhith blàth ann an caidreamh,
'S a bhith cumail taic ri chéile.
Tha iad a nis air am fuadach,
Aig an naimhdean thar nan cuantan,
Chan eil geum aig mart air buaile,
'S chan eil buachaille na'n déigh ann.
Gum b'iad sud na daoine còire,
'S ann na'm measg a gheibht' a' chòisir,
Far am b'àbhaist dhaibh bhi còmhnuidh,
'S ann tha ròidean aig na féidh ann.
Far an robh mòran de dhaoine,
'S ann a tha e 'n diugh fo chaoirich,
Cìobair am mullach gach maoile,
Coin san aonach 's iad ag éigheach.
Chuala mi gun d'thuirt Bean Bhàlaidh,
Gun robh 'cridhe 'n comhair sgàineadh,
Smaointeachadh nighean Iain Bhàin,
A bhith ga sàrachadh aig béistean.
Na'm biodh Fear Bhàlaidh a làthair,
'S e bhiodh duilich air mo chàramh,
Ach tha cuid dhe'n t-sliochd a dh'fhàg e,
Ghabhas mo làmh 's a ni feum dhomh.
Tha iad fhathast air an caomhnadh
Aig bheil cumhachd agus ùghdar
Chumas taice ri'm bean dùthcha
'S a bheir dùlan do luchd-eucoir.
Bha "Eileanach" mar bu dual dha,
'S fhuair mi fhéin e na dhuin-uasal --
Siol Chlann-Choinnich o'n Taobh-tuath --
'S gur math thig suaicheantas an fhéidh da.
Gu bheil Inbhir-Nis na fhiachan,
Bho chionn còrr is fichead bliadhna,
Is iomadh creutair bochd gun rian
Dha'n d'rinn e dìon an àm am feuma.
Is mise dh'fhaodadh sud a ràdh:
An uair a dh'fhiosraicheadh le cràdh mi,
Cha do thachair fear a bhàigh rium,
Anns an fhàsach fad mo réise.
Tha cuid dha nach aithne 'n àite,
Ghabhas orra dhol ga chàineadh,
Tha iad coltach ri Balàam --
Thug an t-asal aithn' dha eucoir.
'S ann a tha chridhe ga leònadh,
Mar bha Lot ann an Sòdom,
Faicinn aingidheachd na h-òigridh,
A' dèanamh rathaid mhóir dha'n eucoir.
Ach tha na carbadan cho luath,
A ghiùlaineas e thar gach truaighe,
Is chi e fhathast cor nan uaibhreach,
'N uair théid e suas a chum an t-sléibhe.
Far nach inntrig aon nì truaillidh,
'S a nàimhdean chan fhaod a bhuaireadh,
'N uair a gheibh e 'stigh dha'n t-suaimhneas,
Dh'ullaicheadh dha'n t-sluagh thug spéis dha.
Air Ais
Camanachd Ghlaschu
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd;
'S i seo a' Bhliadhn' Ur thug sòlas dhuinn;
'S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd.
'S iad gillean mo ghràidh
Tha 'n Glaschu nan sràid --
Is fhada bho'n àit' an eòlais iad.
'S ann goirid ron Challainn
A chruinnich an comann,
'S a chuireadh an iomain an òrdugh leo.
Nuair thàinig an t-àm,
Gun chruinnich na suinn,
'S bha caman an làimh gach òigeir dhiubh.
Aig aon uair deug
A rinn iad an triall,
Le pìob 's bu bhrèagh' an còmhlan iad.
Nuair ràinig na sàir
Gu ionad a' bhlàir,
Gun chuireadh gun dàil an òrdugh iad.
Bha glainneachan làn
Dhen Tòiseachd a b'fheàrr,
Is aran is càise còmhla ris.
Bha bonnaich gun taing
Is pailteas dhiubh ann,
'S clann-nighean nan gleann gan còcaireachd.
Nuair roinneadh na laoich
'S a ghabh iad an taoibh,
Bha mis' air an raon 'toirt còmhdhail dhaibh.
'S e 'n sealladh as brèagh'
A chunnaic mi riamh,
Gach òigear gun ghiamh 's a chòta dheth.
Gach fleasgach gun mheang,
'S a chaman na làimh,
'S a chnapag le srann ga fògar leo.
Bha cuid dhiubh cho luath
Ri fèidh air an ruaig,
'S cha chluinnt' ach "A-suas i, Dhòmhnaill" leo.
'S ann ann a bha ealain
Le glagadaich chaman,
'S gach curaidh cur fallais is ceòthain dheth.
Bha duine gun chearb
Le siosacot dearg,
'S cha bhiodh am boc-earba còmhla ris.
Fear eile gun ghiamh
'S a chiabhagan liath,
Chuir "taigh" i bhàrr fiacail móran dhiubh.
'S e duine gun tùr
Nach faiceadh le shùil
Gu robh iad bho thùs an òige ris.
Nuair chuireadh am blàr
Gun coisich na sàir
Le pìob gu Sràid an Dòchais leo.
Suidhibh, a chlann,
Is gabhaidh sinn rann,
Gun cuirear an dram an òrdugh dhuibh.
Gun dhealaich na suinn,
Mar thàinig iad cruinn,
Len cridheachan coibhneil, 's b'òrdail iad.
Air Ais
Mar a Tha
[Fonn / Tune]
Ach dh'fhalbh na seann nithean uainn,
'S tha nithean nuadha 'nan àit;
Tha cuid nach deach a-null air chuan
Dhinn air cruadalach ri tràigh.
Ach fhuair sinn naidheachd gu ar miann
A tha riaraicht' lem chàil,
Gu bheil frìthean nam fiadh
Gan cur sìos gus an làr.
Dùisgibh, a luchd mo ghaoil,
'S bithibh a-mach an tràths',
'S cuiribh teine ris an fhraoch
'S èiridh laoich na ur pàirt.
Bidh "Bail' Ailein" air ur ceann
Gabhail suim dhe ar càs,
'S cha bhi leud a shròin air chall
Aig an t-sonn nach bi a-bhàn.
Cuiridh "A' Chlach" air a dhòigh
H-uile feòirling tha fàs,
Eadar seo is Taigh Iain Ghròit
A bheir òr airson màil.
Gu bheil diùlnach ro threun
An Dùn Eideann a' tàmh,
Agus Dùghall cho gleusd',
Is cho eudmhor mur càs.
Tha soideanach de dhuine còir
Rinn ar còmhnadh mu thràth,
Mac 'Ic Dhòmhnaill 'sa Mhórthir,
'S bithidh 'n còrr air a shàil.
Thàinig fios a-null thar chuain
Nuair a chual' iad ar càs,
"Seasaidh sinne mar bu dual
Ri ur gualainn 'sa bhlàr."
Chunnaic mi rud le mo shùil
Nach robh dùil a'm gu bràth,
Gun robh aon na mo dhùthaich
A dh'ùmhalaich dhà;
A' giùlan duine 's e leth-mharbh
Eadar gharbhlach is chàrn,
A' toirt uainn ar cuid seilg
Is ar leanaban dol bàs.
A Ceann t-Sàile nam bò
Far an robh còmhnaidh nan sàr,
Cuiribh Winans le cuid òir
Mhanitòba a thàmh.
Mura toir sibh buille chruaidh
Fhad 's a tha 'n tuagh na ur làimh,
Cumaidh iad sibh dol mun cuairt
Na ur truaghain gu bràth.
Nach e cuid a bh'às an ciall
Leig an t-srian às an làimh,
Ghabh an gad air an robh an t-iasg
'S dubhan 's biathadh aig càch.
Chuir sibh cùl ris an t-seud
Sheas cho treun às ur pàirt,
Bhrist an t-slighe dhuibh nur feum,
'S a rinn rèidh i do chàch.
Chuir sibh cùl ris an t-sonn
A ghabh suim dhe ur càs,
Sheas cho duineil air a bhuinn
Anns gach puing na ur pàirt.
Air Ais
Clò Na Cùbaid
I
Tha caochladh cur air clò na cùbaid,
Neòil nan trioblaidean a' dùsgadh,
Easbaigean a' faotainn gnùis,
A' spùilleadh cliù ar n-athraichean.
Thog mi teaghlach aig a' Chùdainn,
'S gun neach riamh a chreach no spùinneadh,
'S chan eil deur a thuit o'n sùilean
Nach do dhrùidh air m'fhaireachdainn.
Ach, fhir a shiùbhlas gu mo dhùthaich,
'S a théid rathad Clach na Cùdainn,
Innis dhi gun d'fhàg mi 'n tùrsa
'N cùil aig cùl an dorais aic'.
'S o'n tha brìgh is cliù na Gàidhlig
Faotainn aoidheachd anns gach àite,
Thòisich mis' air deilbh an t-snàth
Air fuaidnean nàduir m'anshocair.
Innsidh mi dhuibh anns a' chànain
Dh'ionnsaich mi ri linn mo mhàthar,
Cliù luchd-aideachaidh gun ghràs
A ghabh am fàth air m'aineolas.
Gun d'fhuair fear dhiubh ùghdar Bàillidh,
'S thog e chas air beairt an àrdain,
'S nuair a fhuair e 'n spàl na làimh,
Gun d'rinn e 'n snàth a theannachadh.
Dhùin e shùilean ris an àithne,
'S dh'fhosgail e le sannt a mhàileid,
'S lìon e suas le sprùidhleach chàich i,
'S dh'fhalbh am màs gu talamh aisd'.
Chùm e taic ri druim nan nàimhdean
Bha cur smal air cliù na banntraich,
Chumadh suas ris neò-ar-thaing
Do'n h-uile dall a theannadh ris.
Nuair chaidh lagh is sannt is àrdan
Thaosgnadh suas an eanchainn Bàillidh,
Lìon e dhomh-sa spàin dhe'n chàl,
'S a bhlas gu bràth cha dealaich rium.
'S ged a fhuair thu suas am fàradh
Ceum no dhà thar d'uile chàirdean,
Cuimhnich nuair a thig am bàs
Gun toir e 'n t-sràic fo'n talamh leat.
Is iomadh duine math chaidh ceàrr
Le gaol an t-saoghail 's eagal tràilleil,
'S a dh'fhàg dìleab aig a chàirdean,
An déidh am bàis nach glanar dhuibh'.
Ach seinneam daonnan cliù Mhic Aoidh,
Ged a dh'fhàg e mi 'san àraich,
'S na tha chòrr ann dhe'n t-seann nàdar,
B'fheàirrde pàirt a cheannach uaith'.
Bha mi seachd is fichead bliadhna
Fo éisdeachd an duine dhiadhaidh;
Shéid an t-àrdan le gaoth 'n iar,
'S mu'n d'rinn e fiath gun dhealaich sinn.
Thog mi orm mar chaora-thuaineil,
'N déidh a dalladh leis an tuaicheal,
Dh'éisdeachd teagasgan nan uaibhreach,
Anns nach robh buaidh no fallaineachd.
Thàinig fear a-nall air chuan dhiubh,
'S craiceann caorach air a ghuailnean,
'S mura deànadh esan nuallan,
Bòdhradh cluasan tachasach!
Fhuair e gairm o chòmhlan uaislean,
Air an séideadh leis an uabhar,
'S nuair a dh'eirich tuinn a thruaighean,
'S iad bu luaith' a dhealaich ris.
II
Tha caochladh cur air clò na cùbaid,
Neòil nan trioblaidean a' dùsgadh,
Feallsanaich a' snìomh an dlùth,
'S a' milleadh cliù ar n-athraichean.
Is iomadh fear le foghlam dùbailt,
'S mùsg an aineolais mu shùilean,
Thòisich air a' Chreud a spùilleadh
Bho'n là a chùinneadh fallain i.
Ach tha 'n cùmhnanta cho sìorraidh,
An Trì Pearsachan na Diadhachd,
'S nach séid gaoth bho Ifrinn shìos
A spìonas de'n a Charraig i.
'S iomadh fear a chaidh dh'an chùbaid
Nach do dh'altaich riamh a ghlùinean,
Dh'fhàg na caoraich o'n a' mhùr,
Ma fhuair e 'n rùsg gun cheannach dhiubh.
Is cuid dhiubh 'n Eaglais Shaoir na h-Alba --
'S duilich leam-sa dol 'ga sheanchas --
Dh'ith an fheòil 's a dh'òl an eanraich,
'S thug iad oilbheum 's sgannal oirr'.
Ach mìle beannachd aig na Murchaidh;
'S fada chluinnear fuaim an urchair,
'Ga losgadh ann am briathran cuimseach
Air gach furbaidh ceannairceach.
'S nuair a thàras muinntir Rònaigh
Nall gu Ratharsair nan Leòdach,
Ma bhios iomrall anns a' chlò,
Gun stròicear bhàrr nam bannan e.
'S nuair a chruinnicheas muinntir Gheàrrloch
Suas gu Leabaidh na Bà Bàine,
Seo mo làmh gun innis Bàillidh
Dhaibh gun dàil na mearachdan;
Ach fàgaidh sinn air cùl a' ghàrraidh
A' chuid a chùm am beòil cho sàmhach,
'S ged a leag na nàimhdean beàrna,
Cas no làmh cha d'charaich iad.
Air Ais
Achmhasan Beag Do Alasdair Dòmhnallach
'S iongantach leam fhéin do nàdar
'S gur ogha do'n Dotair Bhàn thu,
Sabaid ri fir mhóir a' Bhràighe,
Fàsgadh asda gamhlas.
Ged a bhruidhinn thu mu'n sgadan,
Cha d'thuirt thu dùrd mu'n a' bhradan,
No na h-eòin a tha 'san ealtainn,
'Gan glacadh gun tàing dhuinn.
Faighnich thusa Pàdraig Bàn,
'S innsidh e dhut ann an Gàidhlig
H-uile bholla de mhìn bhàn
Tha 'n dàil orra bho Chaingis.
Chuir mise fios gu "Clach na Cùdainn",
'S faighnichidh e 'Inbhir Uraidh,
'S nuair thilleas iad 'ga ionnsaidh,
An cunntas bidh meall ann.
Nuair thig fios o fhear nan lìon
Tha cumail riutha 'n uidheam iasgaich,
H-uile not a tha orra dh'fhiachan,
Feuch an deàn thu 'n cunntas.
Smaoineachadh gach bolla mìne
Rinneadh a bhleith anns a' mhuileann,
Bho chionn fichead bliadhna 's tuilleadh,
'S furasda ri cunntas.
Chan eil bàillidh anns an t-siorrachd
Chuireas sgleò air sùil an t-siorraim,
'S lagh na fìrinn air a bhilean,
'S sgil aige 'ga roinn dha.
Air Ais
Fàistneachd agus Beannachd do na Gàidheil
[Fonn / Tune]
Giùlain beannachd bliadhn' ùire
Do gach taobh 's a bheil Gàidheil --
Do Ghleann-Eilge nam fiùran,
'S gu diùlnaich Chinn-tàile.
Hug ó, lathaill ó,
Hug o-ho-ró 'n àill leibh,
Hug ó, lathaill ó,
Seinn o-ho-ró 'n àill leibh.
Do Ghleann-Eilge nam fiùran,
'S gu diùlnaich Chinn-tàile,
'S gu Eilean-a-Cheòtha,
'S cha b'e monar dhomh fhàgail.
'S gu Eilean-a-Cheòtha,
S cha b'e monar dhomh fhàgail;
'S nuair 'bhios mise 's na bórdaibh,
Bidh mo chòmhradh mar fhàistneachd.
'S nuair 'bhios mise 's na bórdaibh,
Bidh mo chòmhradh mar fhàistneachd;
'S pillidh gineal na tuatha,
Rinneadh fhuadach thar sàile.
'S pillidh gineal na tuatha,
Rinneadh fhuadach thar sàile;
'S bidh na baigearan uasal,
Air an ruag mar 'bha iadsan.
'S bidh na baigearan uasal,
Air an ruag mar 'bha iadsan;
Féidh is caoraich ga'n cuibhleadh,
'S bidh na glinn air an àiteach.
Féidh is caoraich ga'n cuibhleadh,
'S bidh na glinn air an àiteach;
Am cur is àm buana,
'S àm duais' dha na meàirlich.
Am cur is àm buana,
'S àm duais' dha na meàirlich;
'S théid na tobhtachan fuara,
Thogail suas le ar càirdean.
'S théid na tobhtachan fuara,
Thogail suas le ar càirdean;
'S nuair a thilleas a' Challainn,
Chithear sonas 's gach àite.
'S nuair a thilleas a' Challainn,
Chithear sonas 's gach àite;
Seiche chruaidh far na faraidh,
'S suinn le camain ga stràcadh.
Seiche chruaidh far na faraidh,
'S suinn le camain ga stràcadh;
'S cluinnear farum nan duan,
Dol m'an cuairt mar a b'àbhaist.
'S cluinnear farum nan duan,
Dol m'an cuairt mar a b'àbhaist;
Gille-glais' aig an dorus,
'S caisean-Callainn na làmhan.
Gille-glais' aig an dorus,
'S caisean-Callainn na làmhan;
Bean a riarachadh bhannag,
'S i cho geanail mu'n fhardaich.
Bean a riarachadh bhannag,
'S i cho geanail mu'n fhardaich;
Criathar mór a' cur thairis,
Làn a dh'aran 's a chàise.
Criathar mór a' cur thairis,
Làn a dh'aran 's a chàise;
Fear-an-tighe le searraig,
'S gillean-Callainn ga tràghadh.
Fear-an-tighe le searraig,
'S gillean-Callainn ga tràghadh;
'G òl slàinte nan diùlnach,
Sheas a' chùlag ga'r teàrnadh.
'G òl slàinte nan diùlnach,
Sheas a' chùlag ga'r teàrnadh;
'S mur a cuir sinne "tigh" i,
Chan e coire nan àrmunn.
'S mur a cuir sinne "tigh" i,
Chan e coire nan àrmunn;
Teàrlach Bàn, is an t-Ollamh,
Stuart-Glennie, 's Mac-Phàrlain.
Teàrlach Bàn, is an t-Ollamh,
Stuart-Glennie, 's Mac-Phàrlain;
'S m'am bi bhliadhna air dùnadh
Cha bhi chùis mar a tha i.
Hug ó, lathaill ó,
Hug o-ho-ró 'n àill leibh,
Hug ó, lathaill ó,
Seinn o-ho-ró 'n àill leibh.
Air Ais