Mo Nighean Donn à Cornaig
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Mo nighean donn à Cornaig,
Gu'n robh thu buidhe bòidheach,
Mo nighean donn à Cornaig.
'S olc an sgeul a chuala mi
Diluain an déidh Dhidòmhnaich --
Nighean bhuidhe bhadanach
'Ga faighinn marbh 's a' mhòintich.
Nuair chaidh càch dha'n t-searmon
Chaidh na cealgairean dha'n mhòintich.
Mo nighean bhuidhe bhadanach,
Bha fir a' bhail' an tòir ort.
'S truagh nach mi bha 'n taice ris
Na balaich rinn an dò-bheart.
Nam bitheadh claidheamh ruisgt' agam
Gum feuchainn lùths mo dhòrn orra.
Bha do chuailein slaodadh riut
'S do léine chaol na sròicean.
Bha do chòta taca riut
'S tu fhéin an glaic nad ònar.
Do chìochan cruinne geala
'S iad a' sìleadh fala còmhladh.
'S olc an obair feasgair leam
'Gan greasad chon do thòrraidh.
Chan fheàrr an obair mhaidne leam
Bhith cur nam fear an òrdan.
Tha na h-uaislean uile ann
'S Uilleam mac Mhaol Dòmhnaich.
'S an deoch a bha gu d'bhanais 's ann
Air d'fhalaire a dh'òladh.