Nighean Donn Mo Ribhinn Og
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Nighean donn mo ribhinn òg,
Nighean donn a' chuailein rìomhaich;
'S iomadh oidhch' is là le chéil'
Bha sinn suaint' an caidreamh gaolach,
Nighean donn mo ribhinn òg.
'S ann mu thuath an tìr nam beann
Fhuair thu t'àrach is do thogail --
Ainnir dhonn nan ciabhan aill',
Aoidheil, càirdeil, ciallach, banail,
Nighean donn mo ribhinn òg.
'S tric a shiubhal sinn am frìth,
Tulaich, aonaich, agus bealaich;
Làmh ri làimh, is cridhe ri cridhe,
'S cha robh smuain mu'n uin' 'dol tharuinn.
Nighean donn mo ribhinn òg.
Nuair a ghleusadh tu do ghuth,
'Seinn gu h-aotrom, mùirneach, fallain,
Dh'èisdeadh coisir bhinn do bheòil
"Chuireadh tu na h-eòin an crannaibh."
Nighean donn mo ribhinn òg.
Cha robh flùran anns a' choill
Bheireadh bàrr ort ann am maise;
Gruaidhean dearg mar dhreach an ròis,
'S muineal caoin ni 's gil' na canach,
Nighean donn mo ribhinn òg.
Nuair a dhirich sinn Meall-mór
Air feasgar cubhr' an àm a' Chéitein;
An sealladh àill' fa chomhair ar sùil'
Cha robh leth-bhreac an Dùn-Eideann,
Nighean donn mo ribhinn òg.
Cò a chunnaic sealladh riamh
Na bu taitnich', 's na bu bhòidhche
Na 'ghrian a' ciaradh anns an iar
Air feasgar ciùin, 's gach nì cho-chòrdadh:
Nighean donn mo ribhinn òg.
'S mithich dhuinn a nis 'bhi triall;
Is sgàil na h-oidhche mar bhrat 'gar còmhdach:
Soraidh slàn leat gus an till,
Ri fad do ré gu meall thu sòlas.
Nighean donn mo ribhinn òg.