O Bà O Ì, Ó Mo Leanabh
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
O bà o ì, ó mo leanabh,
Bà o ì, ó mo ghaol,
Chaidil thusa shùgh mo chéille,
Guma slàn a dh'éireas tu.
Galar dubhach, deurach, brònach,
Eadar a léine 's a còta,
Air an té thug bhuam-sa 'n t-òigear,
Gur e mi fhìn a b'fheàrr còir air.
Galar dubhach 'sa cheann-adhairt
'S e bhith tighinn daonnan 'ga tadhal,
Air an té thug bhuam mo roghainn
'S mi fhìn seachad bliadhna 'ga thaghadh.
Galar a bhios air na mucan
Nuair a bhios 'ad làn dha'n t-saill,
Siod a bhith air bean mo leannain
'San tìr aineoil fada thall.