O Daonnan Tha Mi Deònach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O, daonnan, daonnan, daonnan,
Hùg a ru bhì, tha mi deònach.


Ged tha cholann 'ga reubadh,
'S ann a reubadh 'sa chuan mhór thu.

Gun gléidheadh Dia do d'chlann thu
'S gu faigheadh t'anam a chòmhdach.

'S tu 'gad ghiùlain aig na fearaibh
Dol dha t'aineoil fad' o t'eòlas.

Far na chuireadh sìol do sheanar
Gu tùr Ailein Mhic an Tòisich.

Chaidh mi sìos do Bhorgh nan gallan,
Ghabh mi aineadas gu leòr ann.

'S ann a sheall iad orm gu dàna
'N dùil nach robh fàirdein 'nam phòca.

Shaoil iad gun tràighinn na buideil,
'S nach pàighinn uile na dh'òlainn.

Chaidh mi sìos do Chille Pheadair,
'S cha do fhreagair nighean Iain Òig mi.

Ràinig mi banntrach Port Sheumais,
Cha do gheall i dha mo sheòrsa.

Cha robh ann ach mnathan fuadain,
Cha b'fhuasgailteach iad air mo sheòrsa.

Cha robh ann do shìol do sheanar
Nach fhaigheadh a chaidreabh òg ann.

Rànaig mi bean Airigh Mhuilinn,
Fhuair i urram nam ban còire.

Fhuair mi còta fir an taighe,
'S léine do dh'ath-aodach Seònaid.

Thug i cleòca dhomh a bha rìomhach,
'S lamhannan sìoda far a dòrna.

'S ann a bha i shìol nan uaislean
Dha'n robh crodh ruadh air na lònaibh.