O Gur Mise Tha Fo Mhìghean
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
O, gur mise tha fo mhìghean,
‘S iad ‘gam dhìteadh ‘s mi ‘nam ònar;
O, gur mise tha fo mhìghean.
Iad ‘gam dhìteadh moch is feasgar,
Chionn gun dug mi greis air gòraich’;
Iad ‘gam dhìteadh air son gruagaich,
Chionn gun gheall mi uair a pòsadh.
Iad ‘gam dhìteadh air son gruagaich,
Chionn gun gheall mi uair a pòsadh.
Thug iad mise leo am prangal,
Agus sreang ac’ air mo dhòrnan.
Thug iad mise, [srl.]
Nuair a ruigeas iad Dùn Eideann,
Chì iad fhéin gu bheil iad gòrach.
Coirneil Iain is Captein Caimbeul,
Anns gach cainnt gu bheil iad eòlach.
Ruigidh sinn an Coirneil Grannda
‘S bheir e ‘n t-sreang-sa far mo dhòrnan.
‘S gum bi mise an uair sin sgaoilte
Feadh an t-saoghail, mar bu chòir dhomh.
Tillidh mi dhachaidh gu mo mhàthair,
Bho ‘s i fhéin a dh’àraich òg mi.
Far am biodh na gillean sùgach,
Leam bu shunndach dol ‘nan còmhdhail.
B’aotrom a rachainn ‘nan coinnimh
Air mo bhonnaibh gun na brògan.
Ged a bhiodh an reothadh cruaidh ann,
‘S sneachda ‘ga chur suas air mhòintich.
‘S truagh nach robh mise is mo ghruagach
‘N lagan uaigneach buain an eòrna.
Mo làmh air do chuailein rìomhach,
‘S an sìoda ‘ga chur an òrdan.