O 'S Tu 'S Gura Tu Th'Air M'Aire

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O 's tu 's gura tu th'air m'aire,
O 's tu 's gura tu th'air m'aire,
'S tu fhéin a rùin 'tha tigh'nn dlùth fainear dhomh,
'S gur goirt mo shùgradh o'n dh'fhàg thu 'm baile.


'S tric a bha sinn fo sgàil an eilich
Anns an smùdan an lùib an t-seilich,
Bàrr an fhraoich dhuinn 'na choinnlean geala,
Is féidh a' mhonaidh 'nan luchd-faire.

An oidhche bha sinn air àird an fhirich,
Bu leam do phògan 's le deòin do mhire,
An lùib do bhreacain gu'n d'rinn mi suidhe;
'S gu'm b'fheàrr do chòmhradh na òr na cruinne.

Ach gaol na h-òige b'e nòs am foill dhuit,
'S mairg a dh'òladh a leòir de t'aoibhneas
A thig mar sheudaig de'n ghréin 's i boillsgeadh,
Gu'n téid e fuadan mar bhruadar oidhche.

Thug thu 'n ear dhìom is thug thu 'n iar dhìom,
Thug thu ghealach is thug thu ghrian dhìom,
Is thug thu 'n cridhe a bha 'nam chliabh dhìom;
Cha mhór, a ghaoil, nach tug 's mo Dhia dhìom.

Ach ged a robh mi fo'n fhòid a-màireach,
An leabaidh ìosail fo leacaibh bàna,
Is mi gu'n dùisgeadh le ùrachd slàinte
Na'n tigeadh gaolan 's e shuidhe làmh rium.