O Teannaibh Dlùth Is Togaibh Fonn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
O, teannaibh dlùth is togaibh fonn,
Mo chridhe trom air m'aineol;
'S mi fad' o eilean nan dàmh donn,
'S bho thìr nan gleann 's nan gallan.
O beir an t-soraidh seo nis bhuam
Thar chuain is chruaich is bheannaibh,
A dh'ionnsaigh Muile nam beann fuar',
O eilean uaine bharraich.
Ochon a rìgh, nach mi bha thall
An tìr nan gleann 's nam bealach;
Tìr nan craobh, 's i tìr mo ghaoil,
Nan lagan fraoich 's an raithneach.
O siud na glinne 's am faighte 'n aoidh,
'S gach roinn chum taobh na mara;
Tha luchd mo ghaoil an diugh fo sgaoil,
'S an t-àit' fo chaoraich Shasuinn.
'S th'an diugh gun tigh, gun sgrath, gun chruib,
Gun chloich os cionn na stairsnich,
Tha leac-an-teinntein air fàs fuar
Le coinneach ruadh tighinn fairis.
Gur truagh a' Ghàidhlig bhi 'n a càs
O'n dh'fhalbh na Gàidheil a bh'againn;
A ghineil òig tha tighinn 'n an àit'
O togaibh àrd a bratach.