Ochòin A Rìgh, 'Se 'N Leòn An Gaol
[Fonn / Tune]
[Sèisd:]
Ochoin a rìgh, 'se 'n leòn an gaol,
Gun faochadh cnàmh mo chridhe-sa;
Ach 's e a mheudaich orm mo chràdh,
Nach fhaod mi 'n tràth seo innseadh.
Ge bòidheach, beusach òigh mo rùin,
'S nach dùraiginn tè eile,
Nuair their mo chridhe rium "nochd do ghràidh"
Bidh onoir 'g ràdh rium "ceil e".
An ciomach bochd a thèid gu bàs
Air sgàth a shliochd 's a dhùthcha,
Bidh dùrachd 's eud ga chumail suas
'S a chàirdean luaidh air chliù-san.
Ach dè ma bhios do ghaol air tè,
'S gum feum thu chumail uaigneach!
Gun nì ann leasaicheas do chor --
Co-mhothachadh is fuath leat.
Ach thig mi beò an dòchas treun
Gun èirich saorsa fòs dhomh,
'S gum faigh mi còir air làimh is cridhe
Na rìbhinn òig a leòn mi.