Ochòin, Cha Taobh Tuillidh
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Ochòin, cha taobh tuillidh,
Cha taobh, cha taobh tuillidh,
Ochòin, cha taobh tuillidh,
Na cruinneagan mi.
Ged tha mise gun stòras,
Gun chrodh air mo lòintean,
Naile, chumainn-sa lòn riut,
Ged is seòladair mi.
Nam bithinn-s' aig baile,
Raithe Shamhraidh no Earraich,
'S mi nach leigeadh mo leannan
Le balaich gun strìth.
Tha mo chion air an ainnir,
Oigh ùr a' chùil chlannaich;
Tha do shlios mar an eala,
'S tu 's maisiche 's tìr.
'S iomadh oidhche le aighear
Thug mi 'n cuideachd nan cailean,
'S o'n a tha mi nis falamh
Chan fharraid iad mi.
Cha téid mise gu banais,
Gu féill no gu faighir;
'S ann a bhios mi aig baile,
Bho'n nach fharraid iad mi.