Oganaich An Or-fhuilt Bhuidhe
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Oganaich an òr-fhuilt bhuidhe,
Leat a chinneadh sealg a's sithionn;
'S ann a'd ghruaidh a bhiodh an rudha,
Nuair a bhiodh tu siùbhal bheann.
Nuair a dhìreadh tu na stùcan
Leis a' ghunna chaol nach diùltadh,
'S i do luaidhe ghorm a's d'fhùdar
Chuireadh smùid air feadh nan gleann.
Dhomhsa b'aithne cuid de d'àbhaist,
Ged nach innis mi ach pàirt dheth --
Sithionn à beinn a's iasg à abhainn
Nuair a thairngeadh cach an t-srann.
Oganaich an òr-fhuilt shnìomhain,
Dh'fhàg thu saca trom air m'inntinn,
'S mur a till thu nall do'n tìr seo
Mo thoil-inntinn bidh air chall.
Gu léir a bhlàth air mo ghruaidh-sa,
Gu'n tug mi dhuit gaol nach fuaraich;
Dh'innis iad gu'n d'thug thu fuath dhomh,
Ach cha chréid mi, luaidh, an cainnt.
Ach nam biodh e mar bu mhath leam,
Bhiodh tu 'n "fhactor" air an fhearann,
Do chòir sgrìobht' o làimh Mhic-Cailein --
Cha bhiodh m'earrann-sa dheth gann.
Ged a bhithinn ann an iaruinn,
Fhad 's bu bheò mi 'gam phianadh,
Cha leig mi do ghaol air dìochuimhn' --
Seo a' bhliadhna liath mo cheann.