Òran An "Election"
[Fonn / Tune]
'S bochd an sgeul an-diugh air falbh,
Sgeul tha cearbach mu'n "election";
An Grùdair an déidh a mharbhadh,
'S e tighinn anmoch troimh na "barrens".
'S e mac Raghnaill òig mhic Fhionghuin,
Peasan ainmeineach gun athair,
A bhuail buille throm a' bhàis air
A dh'aindeoin a mhàthar is athar.
Fhuair iad 's a' "Bharren" Mhór e,
'S moighich gu leòir mu'n cuairt dha;
'Na shìneadh ri taobh an rathaid
Air a chur far chnàimh na guaileadh;
Feòragan a' ruith o cheann gu shàiltean,
'S iad a' faighinn fàileadh fuar dheth.
Tha luchd-dàimh an-diugh fo phràmh,
A' smaointinn air a' bhàs a fhuair e.
Feumar fios a chur Di-Dòmhnaich,
A chon na Léigeadh Móire thallud
Ach an tig na daoine còire
Gu tòrradh an fhir nach maireann.
'S e pàirt de dh'obair na tròcair'
Na mairbh a chur dòigheil fo'n talamh;
Ma ni Donnchadh Dhòmhnaill ciste,
Gheobh Gilleasbuig 's Seònaid anart.
Thuirt Aonghus Eòghann Mhic a' Bhiocair,
"Fhuair mi nise mar bu mhiann leam,
An Grùdair an déidh a spadadh,
'S mo bheannachd aig làmh 'ga dheànamh.
'S fhad' o'n bha mi cearta, coma,
Ged a bhiodh e aig na biastan;
Cha bhi sàmhchar thall no bhos aig',
'S bidh e conas fad na sìorrachd.
Tha Donnchadh Tuairnear 'na dhuin' iochdmhor,
'S fios aca gu bheil e truasail;
Feumaidh e sgiob' a thaghaidh,
'S a chur a chladhach na h-uaghach.
Feumar a chur fada fodha,
'S clachan troma chur an uachdar,
Air dòigh 's nach tig e null an ath-bhliadhn'
A chur bacain air an Tuairnear.
Thugaibh faicill a ghillean chòire
Thig gu'n tòrradh 'ga fhairid;
Fiach gun cur sibh pluic gu leòir air,
'S clachan cho mór 's a thig à càrnan.
Chunna mise rud cho neònach,
'S ged nach còir dhomh bhi 'ga àireamh;
Ged a chìt' e fhathast beò e
Tighinn a bhòtadh air Mac Aoidh.
Thug Móraraich an ionnsaigh bhuapa
An dùil gum buanaichte làrach.
Bha muinntir a' Chùil Mhóir ri'n gualainn,
'S iad 'gan cunntas fuathasach làidir;
Ach smaoinich na Deasaich 's na Tuathaich
Nach tugadh iad suas an càs dhaibh;
Tha na "Grits" an-diugh fo smuairean,
'S an Grùdair anns an uaigh 'ga chàradh."