Òran Balaich Eòghainn
[Fonn / Tune]
O 's ann tha mo ghaol a' chlann
Nach till thugam a-chaoidh a-nall:
'S e dh'fhàg mo chridhe-sa cho trom
Mar a bhios a' chlann air m'aire --
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.
'S beag mo shunnd ris a' chuir-suas:
Chan ann air a tha mo smuain,
Nuair nach d'fhuair mi mo dhà luaidh
Gus an cur an uaigh 's an anart.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.
Thug mi sgrìob a mach an dé,
'S fhuair mi saighead a bha geur:
Falmadair a bh'agaibh fhéin --
'S ann a thréig e sibh dh'ur n-aindeoin.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.
Gura mise th'air mo leòn
Mu Iain, an gille còrr;
Nuair a shuidheadh tu mu'n bhòrd,
'S tu nach sòbhradh oirnn an dràma.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.
Nuair a dh'éirich am muir-cùil
A thog Iain far na stiùir,
Bha 'n triùir eile 'n luib an t-siùil,
'S chaidh iad dhan a' ghrunnd gu h-aithghearr.
O 's ann tha mo ghaol a' chlann.