Òran Do Bhroad Cove

[Fonn / Tune]



Tha faileadh a' ghuail 's an uair air m'aire,
'Fhuair mi 'n diugh am Broad Cove;
Is sealladh a' chuain mu thuath an fhearainn
Mar luach ri uiread de dh'òr;
Ged bhios e car fuar an uair na gaillinn
Chan fhuachd a chrannas am beò;
Cha chluinneadh mo chluasan fuaim bu mhath leam
Na nuallan mara 'na cheò.

Chunnaic mi 'n uair 's bu luath sinn, Ailein,
Air ghluasad far am biodh ceòl,
Cha chuireadh oirnn smuairean uair a' chaithris
Air luadh no banais 'nar n-òig';
Bu chridheil ar duan an uair na Callainn,
'S mo luaidh na fir nach eil beò,
A bheireadh dhuinn duais bho fhuaim nan caman --
Gu luath 's a' ghloin' air a' bhòrd.

Bha 'n cruithneachd a' fàs cho àrd 's cho fallain,
Bha làn de dh'aran 's an dlòth;
Bha ciall agus nàire a ghnàth 's gach caileag,
'S bu bàidheil caithream am beòil;
'S na gillean cho àlainn, làn de charthannachd,
Làidir, amaiseach, beò;
Mo chreach, gu bheil pàirt dhiubh cnàmh 's an talamh
Chuir iadsan dh'fhan ann am bròn.

Tha obair 's a' mheinn bheir mìn is aran
Dh'ar linn, ma mhaireas an gual;
'S mur faighear air tìr gach nì mar 's math leinn,
Tha sìthein laigh' ris a' chuan,
Far a bheil iasg is breàgha lainnir
'S an lìon 'ga tharruing gu bruaich,
'S na gillean glàn, ciatach, fialaidh, fallain,
A lìonadh bharaillean suas.

Tha 'n gual am Broad Cove 'na lòid 'ga tharruing
Gu bòrd na luingeas thar chuain;
'S an gearran dubh iarainn, is sgiamh 'na anail,
A' riasladh fearainn bho luach,
A' toirt leis gach sian tha shìos fo'n talamh
A's fhiach gu goil thoirt dh'ar tì,
No fear a bhios liath, 's a chiabh air tanadh,
A dh'iarradh garadh le spid.

'S e Mac-talla tha truagh, cha d'fhuair e cadal,
Bho'n ghluais na spàidean 's na "cars";
Dh'fhàs e cho fuar le fuachd a chasan
'Na shuain 's cho fada 'na thàmh;
Ach thàinig an uair, bheir fuaim na maidne
'Na chluasan cagar no dhà,
Gu'm freagair an t-sluasaid fhuar 's na glacaibh
Air chuan 's an dhachaidh 'na tràigh.


[Am Painter Mór]