̉ran Briùthais
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'S fheudar dhomh gu cinnteach a sgur dhe'n dram;
Tha mi nisd 's a' phŕosan, A Ŕgh nam Bonn.
'S fheudar dhomh gu cinnteach a sgur dhe'n dram.
'S mis' a bha g̣rach,
Ag obair 's a' ḅillich;
Air feasgar Di-ḍmhnaich,
Chan e sp̣rs a bh'ann.
Sguiridh mi dheth buileach,
Cha dèan mi deoch tuilleadh,
Chan eil fios aig duine
An cunnart a th'ann.
Thàinig na tràillean,
'S cha thuigeadh 'ad Gàidhlig,
'S shaoil leam mar a dh'fhàs mi
Gur h-e 'm bàs a bh'ann.
'S chan urrainn dhomh mi leughadh,
Cha bhruidhinn mi Beurla,
Théid sin far a chéile
'S an té eil' a bhios ann.
'S innsidh mi dhiubh, 'chàirdean,
Chaidh 'ad an àirde,
Chan urrainn dhomh a dh'ràdhainn --
'S ann a dh'fhàs mi dall.
'S ann agam fh́n bha 'n coire,
Thug mi staigh bho'n choill e;
'Ṭisicheadh astaigh air
Rinn an dragh a bh'ann.
Siud an obair shuarach,
'S tha 'm fuathas mu chuairt air;
'S ged tha mi gu truagh dheth,
Cha d'fhuair 'ad na bh'ann.
'S truagh a-nisd mar tha mi,
'S mi air chùl nam bàraichean,
'S feadhainn anns an àit'
A' gàire 's mi bhi ann.
'S ann agam-as tha ceannach
Air a' lagh aig Bennett,
Tha iomadh fear a' gearain
'S tha mis' air an ceann.