Oran Do Ghille A Chaidh A Bhàthadh
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Air fàil irìnn ì rìrinn oich a rìnn ù,
Air fàil irìnn é ho rò é ho,
Air fàil irìnn ì rìrinn oich a rìnn ù.
Gura mis' tha 'nam ònar,
Mi 'nam shuidh' aig a' chòmhlaidh,
'S mi ri éisdeachd do chrònan
'Toirt an òir far a' bhùird.
'S ann aig Port an Taigh-àiridh
Thog a shiùil ris a' bhàta;
Cha b'i 'n stiùir a rinn d'fhàgail
Ach gun do dh'fhàillnich na bùird.
'S ann aig ceann Loch a' Mhadaidh
A shil an fhras-sneachda,
A h-uile té mar bha tapaidh
Bha i pasgadh a siùil.
'S ann shìos aig Sgeir Chailleach
Tha mo ghaol-sa 'na laighidh,
Fo fhaoileig na mara
'S fo ghleannan nan stuadh.
'S mór am beud do chùl clannach,
Bhi 'ga reubadh 's an fheamainn;
Gun chiste, gun anart
Ach gainneamh a' ghruinnd.
Liom is duilich an t-uisge
'Bhith sruthadh thro'd thrusgan;
Com cho àlainn 's a rugadh
'Bhith 'ga fhliuchadh le bùrn.
'S nan rachadh do bhàthadh
Nuair a chaidh mo thriùir bhràithrean,
Gheibhinn leth-sgeul a ghràidh-ghil,
Gu bràth a bhi 'gad chaoidh.
Cha truagh leam do phiuthar
Ged a tha i fo mhulad,
Théid is' ann an cuideachd,
'S théid a mulad air chùl.
Ach 's truagh leam do mhàthair,
'S i shaothraich air d'àrach,
'S cha d'fhuair i dhe d'fhàbhar
A bhi 'gad chàradh 's an ùir.
Fhir ud dhìreadh na bruthachan
Le gunn' air do ghualainn,
Féile cuim ann an cuaich ort
Tiugh dualach, trom, dlùth.
Fhir ud dhìreadh am bealach
'S a theàrnadh an gleannan,
Cha bhiodh mac an fhéidh fallain
Fo shealladh do shùil.
Fhir nan camagan donna,
Uchd ghil 's a bhroillich shoilleir,
'S mis' a rachadh 'ad choinnimh
'S cha bu choma leam thu.
'S mi dìreadh 's a' teàrnadh
Nam bruaichean àrda;
Chì mi 'tighinn am bàta
Gun mo ghràdh air a stiùir.
'S mi 'dìreadh a' bhealaich
'S trom mo cheum 's mi air m'aineol,
Ma bha sùgradh air m'aire
Chaidh e tamull air chùl.
'S ann air feasgair Dimàirt
Dh'fhalbh an sgiob' a bha àlainn;
Chaidh iad a dh'iarraidh a' bhàta
Rinn d'fhàgail 'sa ghrunnd.
Nuair a thruiseas na gillean
A sheinneas an fhìdheall,
Ciamar a thogas mo chridhe
'S gun thu 'tighinn, a rùin?
Nuair thig oirnn an samhradh
Is iomradh air bainnsean,
Cha téid mi 'n bhàil-dhannsa,
Cha ghabh iad ann mi co-dhiubh.
'S truagh a Rìgh nach b'e an nochd
An oidhche laigheamaid socair;
Sinn gun òladh am botul,
Ged a chosgadh e crùn.