Òran do'n Ghàidhlig
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Teannaibh dlùth is seinnibh ceòl,
'Dèanamh cridhealas gu leòr,
Gu bheil a' Ghàidhlig fhathast beò,
'S aobhar leom dhuinn bhi g'a labhairt.
A' chànain 's aosda tha fo'n ghréin,
Bha i anns a' Ghàrradh fhéin,
Nuair a chunnaic Adhamh Eubh
Thuirt e, "m'eudail 's tu mo leannan."
Gu'n robh cuid de 'n t-sluagh an dùil
Gu'n do chaill i brìgh a's cliù,
Ach fhuair i aiseirigh as ùr,
'S tha i muirneach mar a chleachd i.
'S lìonmhor caraid aic' an-dràsd'
An Ceap Breatuinn tìr mo ghràidh;
Thog iad a bratach gu h-àrd,
'S cha tuit i gu bràth gu talamh.
Thuirt na Gàidheil le guth cruaidh,
"Cumaidh sinn ar cànain suas,
Cha téid i gu bràth do'n uaigh,
Gheibh i ònair, buaidh is ceartas."
Sìol nam fear bha fearail, treun,
B'fhuilteach iad le lannan geur,
'S tric a chuir iad gu ratreut
Luchd na Beurla ri uchd catha.
Ged chaidh bacadh a bha teann
A chuir air an càinnt is an ceòl,
A dh'aindeoin bagairtean Rìgh Deòrs'
Chum iad beò iad 's bi iad maireann.
Tha comunn ùr air bonn 's an àit',
'Toirt ùrachadh do chainnt nam bàrd,
Iad 'ga cumail fallain, slàn,
Anns an inbhe àrd a chleachd i.
Tha buill àigeannach air ghleus,
Aontach ann an gnìomh 's am beus,
Dèanamh dìochioll a tha treun,
'S o'n a' Bheurla tha 's an fhasan.
Aig gach coinneamh gur e 'n gnàth
Gu ceòlmhor binn bhi seinn nan dàn,
Thug an sinnsridh nall thar sàil'
O na bàird bha an Tìr nam Beannaibh.
'S e mo dhùrachd dhuibh an-dràsd'
Buaidh is piseach ann ar càs.
Bithibh dìleas fad ur lath'
Do Chomunn Ghàidhlig Cheap Breatuinn.