Òran Nam Banntraichean

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
"Will you marry me, my bonny bonny lassie,
Will you marry me, my dandy?
Answer me my bonny, bonny lassie,
Gur fada bho'n a bha mis' an geall ort."


Là is sneachda bàn ann, cò thachair rium ach Teàrlach,
"Cò ás a tha thu màgail 'san àm seo?"
Sìnidh mi mo làmh dhuit, chan inns' mi sin an dràsd' dhuit,
Is mo mhallachd-sa gu bràth aig na banntraichean."

"'M biodh agad-sa, a Ruairidh, claisneachd do chluasan,
Cha toirinn-sa a-suas anns an àm thu,
Rachamaide còmhla gu àite Mhàighstir Dòmhnuill,
Is dheànamaide pòsadh gun tàing dhaibh."

Thuirt Somhairle ri Sara, "Nì mi dhut-sa seathair
A ròcas thu fhéin anns a' gheamhradh,
Suidhidh mi 'sin taobh riut is teannaidh mi ri faoineas,
Cò gheibh thu na's aoibheil' na banntrach."

Tha Dòmhnall Bòid ag ràdhainn, nam pòsadh e a-màireach,
Nach deànadh e a làmh thoirt do bhanntraich,
Ach té chumadh stòr, is a chumadh air a dhòigh e,
Is a bheireadh dha a "mhorning" de bhranndaidh.

'S e turas na truaighe 'rinn Eòghann Tuathach
Ge b'e gu dé am buathadh thug ann e,
Chuir e mi do'n fhuaran a dh'iarraidh uisge fuar dha,
'S e sin a chuir am buaireas 'nam cheann-sa.