Òran Nan "Mosquitoes"

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Màili dhonn, bhòidheach dhonn,
Màili dhonn, siubhal dhachaidh,
Màili dhonn, bhòidheach dhonn.


Latha dhomh 's mi thall aig tuath,
Chualas fuaim a bha faisg dhomh,
Dhubh an iarmailt cho luath --
Dé an truaighe a bha tachairt?

Mas e cuileagan tha ann,
Gu bheil grunn dhiubh mu'm amhaich,
'S e "Kilmarnock" bha 'd a' seinn,
Agus roinn 'ga phresenteadh.

Nuair a dh'amhairc mi dh'an speur
Le mo làmh air mo mhala,
Dé bha tighinn ach plàigh,
Chuileagan grannda 'gam chreachadh.

Iad le casan fada caol,
Bha iad a' stiùireadh air m'amhaich,
Dh'fhalbh mise 's mi bha leum,
Bha mi 'g éigheach nan creachan.

O nach mise a bha thall
An tìr nam beann 's nan gaisgeach,
Far a faicinn am fraoch
Ri mo thaobh air a laighinn.