Òran Na Poite Duibhe

[Fonn / Tune]



Bha mi là air allaban,
A' carachadh 's a' mhòinteach;
Thachair fear le callach orm,
'S e teannachadh nan ròpan.
Choisich mi gu farumach
Gu facal chur 'n a chòmhradh,
'S bha chudhtrom air a chùlthaobh,
'S e giùlan Mhic an Tòisich.

"'S mise mac na Poite Duibhe,
'S mi 'nam shuidhe bun an gealbhain,
'S e 'n t-eòrna buidhe b'athair dhomh;
B'e 'n atharnach mo sheanmhair.
Aonghas Dubh 's an duine sin,
Bha sinn an uiridh conailbheach;
Chan fhaca mi aon fhathast
A thug bàrr ort an Albainn."

A dhuine 's ann a shuidheas sinn,
'S a theannas sinn ri seanchas;
Gun d'fhuirich sinn an oidhche
Gun choinnlean, no gun dannsa.
An oidhche ghabh mi 'n t-eagal,
Ged bu bheag a ghabh mi cùram,
Bha 'n dreathann-donn ri feadalaich,
'S cha chreid mi nach robh triùir ann.