Poca Sìl An t-Sealgair
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Eadaraibh a hùinn ò,
Poca sìl an t-sealgair.
Eadaraibh a hùinn ò,
Poca sìl an t-sealgair.
Eadaraibh a hùinn ò,
Poca sìl an t-sealgair,
Am poc' a bh'air, an sac a bh'air,
Am poc' a bh'air, 's e 'falbh leis.
Am poc' a bh'air, an sac a bh'air,
Am poc' a bh'air, 's e 'falbh leis,
Am poc' a bh'air, an sac a bh'air,
Am poc' a bh'air, 's e 'falbh leis;
Am poc' a bh'air, an sac a bh'air,
Am poc' a bh'air, an sac a bh'air,
Am poc' a bh'air, 's e 'falbh leis --
Eadaraibh a hùinn ò,
Poca sìl an t-sealgair.
Chunnacas a' tighinn e,
Chan fhacas a' falbh e;
Chunnacas a' tighinn e,
Chan fhacas a' falbh e;
Chunnacas a' tighinn e,
Chan fhacas a' falbh e --
Eadaraibh a hùinn ò,
Chan fhacas a' falbh e.
B'fhoghainteach i, beadarrach i,
B'aigeannach an t-seana bhean;
B'fhoghainteach i, beadarrach i,
B'aigeannach an t-seana bhean;
B'fhoghainteach i, beadarrach i,
B'aigeannach an t-seana bhean --
Eadaraibh a hùinn ò,
B'aigeannach an t-seana bhean.