'S Ann Air Feasgar Di-Ciadaoin
[Fonn / Tune]
Nì mi innse le firinn, an ni rinn mo chràdh,
Ni bheir snìgh air mo shùilean, 's a dhùineas mo chàil;
An gaol a thug mi d'an mhaighdinn bu choibhneil gnàths,
D'am b'ainm Màiri Anna, tha 's an anart a' cnàmh.
'S ann air feasgar Di-Ciadaoin 'nuair bha ghrian anns na neòil,
I a' dearrsadh gu sgiamhach le sgiathan mar òr;
Thachair mise ri m'ghràdh ann an gàradh nan flùr,
Bha àileadh nan ùbhlan gu cùbhraidh mar thùis.
Rinn mi foighneachd d'an ògbhean, gu stòlda 's gu ciùin,
"'N téid thu còmhl' rium, a mhàltan, fo sgàileadh an tùir,
Far nach eil ni gus ar còmhdach bho lòinteag an driùchd,
Ach duilleagan bòdhach nan òganan ùr?"
"Théid mi leat troimh gach cunnart air muir is air tìr,
'S gun dean mi fuachd fhulang gus do chumail gun dìth;
Nuair a théid thu do'n bhlàr, bidh mi làmh riut le m'sgéith,
Chum do dhìon o na nàimhdean nuair thàrr'nte lann geur."
Nuair thuig h-athair 's a màthair gun robh Màiri an gaol,
Rinn iad foighneachd gun dàil dhith, cò h-àilleagan caomh?
Thuirt i riuth' gum bu ghunnair e, o mhullach an t-sléibh',
No a Gàidhealtachd na h-Alba, far am marbhte na féidh.
Nuair a chual' iad am faca, gun do ghlais iad i suas,
Ann an seòmar a cadail, fad seachduin gun truas;
Bha mo chridh' air a bhristeadh, nach fhaighinn bruidhinn ri m'luaidh,
'S i 'gam choimhead troimh 'n uinneig, le snìgh air a gruaidh.
Thàinig litir 'gam ionnsaigh, air a dùnadh gu dlùth,
Mi ruith sìos gu siùbhlach gu cùlthaobh an dùin,
Far 'n robh carbad gu mùirneach, gus mo ghiùlan gun dàil,
Gu pàileis duin' uasail, far 'n robh gruagach mo ghràidh.
Nuair a ràna' mi 'n aitreabh, bha mar shneachda nam beann,
Gun a sheas mi car tacain air stairsneach an tranns';
Gus an tàinig fear glaschinn, 's na deòir a' frasadh o ghruaidh,
'S thuirt e, "'S tusa Mac Leòid chuir an ògbhean do'n uaigh."
Thug e suas mi do'n àite 's an robh m'àilleagan buan,
Rinn a sùilean ciùin dràbhadh, 's dreach a' bhàis air a gruaidh;
Bha cho dearg ris na ròsan, cho bòdhach, cho suairc,
'Nuair a ghlac mi air làimh i, dh'fhàg a cainnt i glé luath.
Ach sheall i orm-sa 's an aodann gu caomh mar a b'àbhaist,
Nuair a phòg mi bilean gaoil bha mar chaorann air fàs;
Rinn a gruaidhean ciùin aomadh le aogasg a' bhàis,
'S gun d'dhùin i sùil shocair gun a fosgladh gu bràth.
"A Mhàiri, a Mhàiri, 's tu dh'fhag mi gu tinn,
'S tu dh'fhàg mi fo mhulad 's mi 'n-diugh 'ga do chaoidh;
'S mi bruadar gu tric ort a là is a dh'oidhch',
'S gus an téid mi do'n anart cha sguir mi dheth caoidh."
.