'S Fhada Leam An Oidhche Gheamhraidh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Fàili fàili fàili ó ro,
Fàili fàili fàili ó ro,
Fàili fàili fàili ó ro,
'S cian nan cian bho dh'fhàg mi Leòdhas.


'S fhada leam an oidhche gheamhraidh,
'S fhada 's fhada 's fhada leam i,
'S nach fhaic mi ach préiridh lom ann,
'S cha chluinn tonn ri tigh'nn gu tràigh ann.

'N àm do'n fheasgar a bhi ciaradh,
'S tric a bhios mo spiorad cianail;
Smaoineachadh g' eil cian nan cian uam,
Far 'm bu mhiann leam dhol a chéilidh.

Chan ann a thalla no mhór lùchairt,
Ach do bhothan a' mhóir shùgraidh;
Teine mònach air an ùrlar,
'S òigridh shùrdail cruinn a' céilidh.

Sgap an comunn, sgaoil na fiùrain,
Is tha móran dhiubh 's an ùir orr',
'Chunnaic mise cridheil sùrdail;
'S o bu shùgradh bhi 'gan éisdeachd.

'N àm bhi crìochnachadh nan rann seo,
Saoilidh mi gu bheil mi cluinntinn,
Fuaim na seann-bhean air a' chuibhle,
'S fuaim nan tonn dol bhar an tiùrra.

Ach càit' nis an nochd an téid mi?
Chan eil céilidh air a' phréiridh,
'S o chan fhaic mi 'n àm dhomh éirigh,
'N àirde 'g éirigh ceò na mònach.