'S Truagh A Rìgh, A Nighean Donn
[Fonn / Tune]
[gach rann dà uair / each verse twice]
'S truagh a rìgh, a nighean donn,
Nach robh mi thall am Muile leat,
Far 'm faighinn iasg is sidheann fhiadh,
Cha bhiodh, a chiall, oirnn uireasbhaidh.
B'annsa tormanaich nam fiadh,
Na Donnchadh ciar le dhrumaireachd.
Null 's a-nall bho shràid gu sràid
Le bholgan fàs 's dà bhioran aig'.
Mharbhainn earbag anns a' phreas,
Ge ro-mhath chì 's a chluinneadh i.
Mharbhainn breac air ruithinn cas,
Nan deànadh mo chas grunnachadh.
Mharbhainn coileach dubh bho'n gheug
Mu'm biodh léin' aig iomadh fear.
Chan ith mi biadh, cha deàn mi gnìomh,
Cha mharbh mi fiadh, chan urrainn dhomh.
Bidh mi màireach air cnoc gun cheann,
Mur bi mo chàirdean furachail.
Gun gléidh Dia rium mo chiall,
Cha robh mi riamh cho cunnartach.
Gun togadh Dia leis m'anam suas,
Gu bheil an-uair 'ga cumail rium.