'S Ann An Ile

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
'S ann an Ile, 'n Ile, 'n Ile,
'S ann an Ile rugadh mi;
'S ann an Ile, 'n Ile, 'n Ile,
'S ann an Ile bhòidhich.


'S ann an Ile ghorm an fheòir
A rugadh mi 's a thogadh mi,
'S ann an Ile ghorm an fheòir
A rugadh mi 's a bha mi.

'S ann an Ile bhòidhich
A rugadh mi 's a thogadh mi,
'S ann an Ile bhòidhich
A rugadh mi 's a bha mi.

Nuair a bha mi ann an Ile
Bha Catrìona cuide rium,
Nuair a bha mi ann an Ile
Bha Catrìona còmh' rium.

Am measg nam bruachan bòidheach buidhe
Bha Catrìona cuide rium,
Am measg nam bruachan bòidheach buidhe
Bha Catrìona còmh' rium.