Saoil a Mhór Am Pòs Thu?
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Saoil a Mhór am pós thu?
Saoil am pòs thu Fiullaigean?
Saoil a Mhór am pòs thu?
Theireadh gu leòr nach b'urrainn dhuit.
'S beag a bha 'dhùil aig do mhàthair,
Gur h-ann a dh'Arnol a chuirt' thu
An deidh cho grinn 's a bha thu
Air do shnàthaid muslin.
Bha dùil gum b'cheannaiche mór e,
Aig an robh stòr neo-chumant'
Gu facas a phòc' ann an òrdugh,
'Falbh air tòir nan luideagan.
De chinneadh Lord Sìofort a bha thu,
Cinneach bha làsdail urramach,
Shuidheadh air 'chathair a b'àird'
Ach rugadh an Arnol Fiullaigean.
Ged a bha Fiullaigean spàgach,
Dhèanadh e ceàrd a h-uile fir,
Chuireadh e craobh ann an gàradh,
Chuireadh e càl is curranan.
Thog e tigh-geal ann an Arnol,
Anns an robh àird neo-chumanta
Staidhrichean cama le sgàthain,
Chun an rium àird' aig Fiullaigean.
'S beag a shaoileadh fear fuadain,
Gur h-ann air an tuath a rugadh e,
Coltach ri maraiche cuain,
An ruthadh 'tha 'n gruaidhean Fiullaigean.
Nuair dh'éireadh am muir mar na beanntan,
'Steach mu'n chrann 'na ultaichean,
Ruitheadh an sgiobair fo rùm
Is dh'fhàgadh e chuibhl' aig Fiullaigean.
Nuair thig luingeas na bàn-rìgh,
Nall air an t-sàl le gunnachan,
Thig iad a steach a Loch Arnoil,
Dh'fhaighneachd càit 'eil Fiullaigean.
Thàinig litir a-nall as an Fhraing,
Is t'éile nall à Ruisia,
Paipearan feadh na Roinn-Eorp'
Ag innseadh mu phòsadh Fhiullaigean.