'S e Diùram, 'S e Diùram
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'S e Diùram, 's e Diùram, 's e Diùram hó ró,
'S e Diùram, 's e Diùram, 's e Diùram hó ì,
'S e Diùram a hù ri ri, ù ho bho ró,
'S e Diùram an t-uasal, Mac Ruairi nan arm.
'S e Diùram mac Iain 'ic Lochlainn 'ic Ruairi,
Air an d'fhàs an cùl clannach, 's e gu sleamhainn m'a ghualainn;
Nuair a chì mi thu tighinn bidh mo chridh' air mo ghualainn,
Ri Diùram mac Iain 'ic Lochlainn 'ic Ruairi.
Thug mise seachd bliadhna 's mi siubhal nam beann,
Gun chù, gun ghille, gun duine ri'm làimh,
Mi siubhal 's a' sireadh, bad breacain 'nam làimh,
'S mi feitheamh ri tighinn Mhic Ruairi nan arm.