Sealgair A' Choilich Bhuidhe
[Fonn / Tune]
Gura mise tha gu dubhach,
Hao rì 's an hurabhì hiù o,
Ma shealgair a' choilich bhuidhe,
Hoireann is hurabhì hó hò,
Hoireann is hurabhì hó hi rì o,
Hoireann is hurabhì hó hò.
Chuala mi do ghlaodh 's a' bhruthach,
Hao rì, [etc.]
Ach ma chuala cha d'chuir umhail,
Hoireann is hurabhì, [etc.]
Gus an cualas guth an fhithich,
Mìle mallachd air na bràithrean:
Mìle mallachd air na bràithrean:
Dh'fhàg iad air mo bheulaibh sgàthan.
Fuil do chuim 's do bhéil 's do bràghaid,
'S tu 'nad shìneadh air na blàraibh.