Seathan, Mac Rìgh Éirinn
[Fonn / Tune]
B'annsa Seathan a' falbh sléibhe,
Hù rù o na hì ò ro,
Mise lag is esan treubhach,
Na hì ò ro hó hug ò ro.
Mise lad is esan treubhach,
Hù rù, [etc.]
Cha ghiùlainainn ach beag éididh,
Na hì, [etc.]
Còta ruadh mu leth mo shléisne,
'S criosan caol-dubh air mo léinidh,
'S mi falbh le Seathan mar eudail.
'S iomadh beinn is gleann a shiubhail sinn,
Bha mi an Ìle, bha mi am Muile leat,
Bha mi an Éirinn an Còig' Mumha leat,
'S dh'éisd mi 'n Aifhreann 'sa Choill' Bhuidhe leat.
'S minig a chuala, 's nach do dh'innis e,
Gu robh mo leannan am Mighinis;
Nam biodh e 'n sin, 's fhad' o thigeadh e;
Chuireadh e 'm bàta dha m'shireadh-sa,
'S chuirinn-sa long mhór 'ga shireadh-san,
Sgiobadh cliùiteach, ùrail, iriseal.
Nam faighte Seathan ri fhuasgladh,
Dh'fhàsadh an t-òr fo na bruaichaibh,
Cha bhiodh gobhair an creig ghruamaich,
'S cha bhiodh lìon gun iasg an cuantan.
B'annsa Seathan air cùl tobhtadh,
Na bhith le mac rìgh air lobhtaidh,
Ged bhiodh aige leaba shocair,
'S sròl dha'n t-sìoda bhith fo chasan,
'S cluasag dha'n òr dhearg a' lasradh.
Tha Seathan an-nochd 'na mharbhan,
Sgeul as ait le luchd a shealga,
'S le mac caillich nan trì dealga,
Sgeul as olc le fearaibh Alba.
A Sheathain, a Sheathain m'anma,
Dhealbh-mhic mo rìgh o thìr Chonbhaigh!
'S minig thuirt rium gum bu bhean shubhach mi,
Bean bhochd chianail chràiteach dhubhach mi,
Bean bhochd a thug spéis d'a bhuidhinn mi;
Nuair shaoil mi thu bhith 'san tòrachd,
'S ann a bha thu marbh 'nam chòmhdhail,
'S tu air ghuaillean nam fear òga.
'S nuair a shaoil mi thu bhith 'sa ghailleann,
'S ann a bha thu marbh gun anam,
'S tu 'gad ghiùlain aig na fearaibh
Gu leitir nan corrbheann corrach.
'S an oidhche sin a rinn iad banais dhut,
Ochòin, a Rìgh, cha b'ann ach t'fhalairidh!
Nach do chuir iad léin dha'n anart ort?
Nach do leig iad ùir is talamh ort?
M'eudail an làmh sin, 's ged 's fuar i,
Bu tric agam, b'annamh bhuam i,
Le tiodhlaig dha'n t-sìoda bhuaidheach,
Gur tric a fhuair mi le duais i.
Cha dugainn a lagh no rìgh thu,
Cha ghibhtinn air Moire Mhìn thu,
'S cha tiodhlaiginn 'sa Chrò Naoimh thu,
Eagal 's nach fhaighinn a-rithist thu.