Seann Òran Seilge (Seinn Iuro Bhinn O Ho)



[Séisd:]
Seinn iuro bhinn ò ho,
Chall eile ho rò ho,
Seinn iuro bhinn ò ho
Eille o ho ro rì.


Ach a Thòmais 'ic Uilleam
Bu tu 'n companach munaidh,
Anns na coilltichean urrad
Fhuair thu urram na seilg'.

Gur a buidheach mi 'm chéile
Thug an gunn' á Dùn-Eideann,
Dhomh-sa b'aithne do bheusan
'S cha bu léir dhomh do ghiamh.

'S toigh leam àiridh nam badan
Far am b'éibhinn leam cadal.
'S am biodh fasgadh ri gaillionn
Aig nighean 's aig laoigh.

Agus frith nan dàmh donna
'S nan ceannardan troma,
Leam bu mhiann dol 'n an coinneamh,
Nuair a chromadh a' ghrian.

Le 'm chuilbheir caol cùbhraidh
Ann am achlais 'ga giùlan,
Laoidh ghlas air a h-ùrlar
Bheir tuill ùr air am bian.

Spor thana gheur dhù-ghorm
'N déidh a glasadh 's a dlùthadh,
'Chuireadh sradag ri fùdar
Nuair a lùbainn mo mhiar.

Mharbhainn dràchd agus lacha
Agus tàrmachan creachainn,
'S earbag riabhach nam badan
'Théid roimh 'n mhaduinn 'na fiamh.