'Si Mo Leannan An Té Ùr
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'S i mo leannan an té ùr,
'S guirme sùil, 's is caoile mala,
Té cho math 's gan tig an gùn,
Dh'fhàg i m'inntinn tùrsach.
'S ged nach eil mi pàilt' de stór,
Dhèanainn seòl, a ghaoil, air t'aran;
Mharbhainn breac air linne-lòin,
'S dàmh na cròic 'sa bhùireadh.
Tha mo chridhe tùrsach, trom,
M'inntinn cha tog fonn ri ealain,
Tha lionn-dubh orm fo thuinn,
Mo nighean donn an t-sùgraidh.
Tha do chneas mar shneachd air lòn,
Muineal ro-gheal mar an canach;
Cas is deise théid am bròig,
Nach dèan feòirnein 'lùbadh.
Tha do ghruaidhean mar an ròs,
Beul is bòidhche 'shéideas anail,
Mala chaol mar ite 'n eòin,
Ruisg is bòidhche 'dhùineas.
Ged a bhithinn-sa cho òg,
'S gu'm b'e màireach tùs mo latha,
'S mi nach tréigeadh gaol na h-òigh
Airson diomb luchd diùrrais.