'Si Mórag A Rinn A' Bhanais
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'S i Mórag, 's i Mórag, 's i Mórag a rinn a' bhanais,
Mórag, 's i Mórag a rinn a' bhanais ainmeil;
'S i Mòrag, 's i Mórag, 's i Mórag a rinn a' bhanais,
Mórag, 's i Mórag a rinn a' bhanais ainmeil.
Bha fear-an-taighe aig bean-an-taighe,
Sgalag aig an t-searbhanta,
Buachaille aig a' bhanaraich,
'S mo sheanair aig mo sheanmhair.
Bha Seònaid is fidheall aice,
Raghnaid is pìob aice,
Mór nan dos is feadan aice,
'S sheinneadh iad an ruidhle.
Bha thu dubh an-uiridh,
Agus tha thu dubh am bliadhna,
Is bha thu dubh a h-uile latha
Chunna mise riamh thu.