Sìne Bhàn

[Fonn / Tune]



Blath nan cailin, Sìne Bhàn,
Reul nan nighean, dìleas òg,
Cuspair diomhair i do m' dhàn;
Gràdh mo chridh' an ribhinn òg.

Àros sona bh' againn thall;
Airigh mhonaidh, innis bhò,
Sgaoil ar sonas 'uainn air ball,
Mar roinneas gaoth nam fuar bheann ceò.

Bruaillean cogaidh anns an tìr,
Faic an long a togail sheol,
Cluinn an druma 's fuaim nam pìob,
Faic na suinn a dol air bòrd!

Feumaidh mise triall gun dail,
Chi mi 'm barr a croinne sròl,
M' eudail bhàn, o soraidh slàn!
Na caoin a luaidh, na sìl na deòir!

Cha ghaoir-cath' no toirm a' chàs'
Dh'fhàg mi 'n dràsd' fo gheilt is bròn,
'S e na dh'fhàg mi air an traigh,
Sìne Bhàn a rinn mo leòn.

Sìnte 'n seo air achadh blàir,
'S duine mhàin cha tig na m' chòir;
O 's nach robh mi anns an Aird
Le Sìne Bhàn a ruith nam bò!

Ma tha e 'n dàn mi bhi slàn,
Stadaidh ràn nan gunnan mòr,
Am Baile Mhonaidh ni mi tàmh,
Le Sìne Bhàn, mo ribhinn òg.