'Shiubhal Na Garbhlaich
[Séisd:]
Rachadh mo bhalachan 'shiubhal na garbhlaich,
Rachadh mo bhalachan 'shealg nam fireachan,
Rachadh mo bhalachan 'shiubhal na garbhlaich,
Chumail nan sionnach o'n mheanbh-chrodh.
Bheirinn mo chù dhuit, luaidhe is fùdar,
Bheirinn mo chù dhuit, cù is gille dhuit,
Bheirinn mo chù dhuit, 's gunna nach diùltadh,
A shiubhal nan stùc 's a' gheamhradh.