Siùdaibh Bhalacha'

[Fonn / Tune]



[Séisd]
Siùdaibh bhalacha', siùdaibh, siùdaibh;
Siùdaibh bhalacha', siùdaibh.
Siùdaibh bhalacha', siùdaibh, siùdaibh,
Siùdaibh bhalacha', siùdaibh.
Siùdaibh bhalacha', siùdaibh, siùdaibh;
Siùdaibh bhalacha', siùdaibh.
Siùdaibh bhalacha' togarrach,
Togaibh rithe h-aodach.


Chuala mi e, chuala mi e,
Chuala mi aig triùir e;
Chuala mi e, chuala mi e,
Chuala mi aig triùir e;
Chuala mi e, chuala mi e,
Chuala mi aig triùir e;
Chuala mi aig seisear e,
Gun d'chuir mo leannan cùl rium.

Pòsaidh mi e, pòsaidh mi e,
Pòsaidh mi dha-rìreadh,
Pòsaidh mi e, pòsaidh, pòsaidh,
Pòsaidh mi ri tìd' e;
Pòsaidh mi e, pòsaidh mi e,
Pòsaidh mi dha-rìreadh,
Pòsaidh mi an gille donn
Ma tha e 'g ràdh an fhìrinn.