Slàn Iomradh Dha M'Ghoistidh

[Fonn / Tune]



[gach rann dà uair / each verse twice]

Slàn iomradh dha m'ghoistidh,
Beul nach loisgeadh an cainnt.

Mo rùn an Caimbeulach sìobhailt,
A thig le sgrìob thar a' Mhàim.

Rìgh! 's math thig dhuit triubhas
Gun bhith cumhang no teann,

'S math thig dhuit osain,
'S bròg shocrach bhuinn sheang.

Brog bhileach nan cluasan
Air a fuaghail gun seamh.

'S ro-mhath ghabhainn thu romham
Ann an domhladas blàir;

Bhiodh do phìob mhór 'ga spreigeadh,
Pàirt do h-eagal le càch;

Nuair a chluinninn fuaim t'fheadain
Nàile! ghreasainn mo làmh.

'S ro-mhath 's aithne dhomh nighean,
'S cridh' ort an geall,

Ann an gleannan beag laghach,
A dheànadh do thadhal fos n-àird;

Pòsar bean leat o'n Bhreugaich
O'n chluinnear beucadaich mheang.