Slàn Mhath Leibh Air Chuan
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Deoch slàinte nam feara
Dh'fhàg am baile Di-Luain,
Deoch slàinte nan gallan
Dh'fhàs fiughanta fallain,
'S bho'n sheòl sibh o 'n chala
Slàn mhath leibh air chuan.
Thoir a nuas an deoch làidir
Mar bu mhinig le Gàidheil,
Ol air slàinte nam braithrean
Tha air bhràighe nan stuadh.
Cha b'e rùn a bhi poiteach
Dh'fhàg mùirneach gu h-òl sinn,
Ach cliù nam fear òga
Nach soradh a luach.
Tha sibh "Sìol Nam Fear Fearail"
Dha 'm bu bheus a bhi duineil,
Dhuibh bu dual a bhi gramail
Dol an coinneamh luchd fuath.
Sliochd nan Gàidheil luath-làmhach
Rachadh dian ri uchd catha,
'S iad a dhèanadh a sgathadh
'N àm crathadh na cruaidh.
'N Albainn Ur an cois sàile
'S ann a fhuair sibh ur n-àrach,
'S cha till sibh bho 'n làraich
Gu bracha gun duais.
Sibh na curaidhean calma
Théid gu h-ullamh fo 'r n-armaibh,
Bheir sibh breacan na h-Alba
Do'n Ghearmailt air chuairt.
'S ann tha 'n còmhlan is grinne
Air bhòrdaibh na luinge,
Sìol rùnach a' chruinneachd
Grainne mullaich na sguab.
'S iomadh athair is màthair
Agus piuthar is bràthair
Le cridhe glé chraidhte,
Rinn sibh fhàgail fo smuain.
'S iomadh srath agus gleannan
Air Tìr Mór, agus Eilean,
Anns na dh'fhàg sibh ur leannan
Grinn, ceanalta, suairc'.
Chan eil fàth bhi 'gur tuireadh,
Tha ur dùthaich 'gur sìreadh,
'S mur a till sibh ruinn tuilleadh
Thig ar mire gu gruaim.
Nuair a théid na fir borba
Gu taobh eile na fairge,
Faodaidh Mortair nan Leanaban
A chuid airm a chuir suas.
Bidh ur nàimhdean fo 'r casan
'Ga stampadh mar ghasan,
Pìob mhór nan trì dosan
Sìor fhroiseadh nan duan.
Gu'm bi fùdar 'ga chaitheamh
Ann a mosguinn a' chatha,
Bidh an Duitseach 'na laighe
Mu 'n téid claidheamh an truaill.
Nuair a dhioghaltair an deachaimh
'S théid a' chùis seachad,
Gur e fear nach till dhachaidh
Fear as fhaide bhios buan.
Bidh e cliùiteach 's gach earrann
Air muir is air fearann,
Bidh e mùirneach is maireann
Ann an Talla nan Tuath.
'S e mo dhòchas ur ruighinn,
'S e mo dhùrachd ur tighinn,
'S bho na tha sinn 'nar suidhe,
Lìon a-rithist a' chuach.