Tàladh Thròndairnis

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Ho-bhàn, bà, mo leanabh,
Ho-bhàn, cadalan, m'eudail;
Ho-bhàn, bà, mo leanabh.


Eudail mo chridh',
Tha thu sgìth 'measg nam blàthan;
Neòinean is dìthean
Shnìomh thu àlainn.

'S caoin tha do ghnùis bheag,
Mhic dhiùlnaich nam blàran;
'S àlainn 'na shùil thu,
Rùin, a-màireach.

Dùin-sa do shùilean,
A mhùirnein 's a ghràdhain;
Slàn bhiodh do dhùsgadh,
Rùn do mhàthar.