Tha I Tarruing Anmoch

[Fonn / Tune]

Tha i tarraing anmoch, chan fhuirich mi, chan fhalbh mi,
Tha i tarraing anmoch, chan fhalbh mi, chan urra mi;
Tha fear a-muigh, tha fear a-muigh, tha fear a-muigh a' fuireach rium,
Tha fear a-muigh aig ceann an taigh is lathaidh e ma dh'fhuireas mi.

Tha fear a Chlann 'icLeòid aig a' chòrnair a' fuireach rium.

Tha i tarraing anmoch, chan fhuirich mi, chan fhalbh mi,
Tha i tarraing anmoch, chan fhalbh mi, chan urra mi;
Tha fear a-muigh, tha fear a-muigh, tha fear a-muigh a' fuireach rium,
Tha aon 's a dhà 's a còig 's a sia, 's tha 'm fear as brèagha 'g ullachadh.

Cha bhi sinn gun annlan, gun ìm anns a' gheamhraidh,
Cha bhi sinn gun annlan, 's an t-samhradh bidh gruth againn;
Tha fear a-muigh, tha fear a-muigh, tha fear a-muigh a' fuireach rium,
Tha fear a-muigh aig ceann an taigh is lathaidh e ma dh'fhuireas mi.

Tha i tarraing anmoch, chan fhuirich mi, chan fhalbh mi,
Tha i tarraing anmoch, chan fhalbh mi, chan urra mi;
Tha fear a-muigh, tha fear a-muigh, tha fear a-muigh a' fuireach rium,
Fear aig cùl na gèibheil is drèin air a' fuireach rium.