Té A' Chuailein Bhuidhe
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Cadal cha dèan mi,
Sùgradh cha dèan mise,
Nochd cha chaidil mi,
Cuimhneachadh air t'fhuran.
Gu bheil mi fo phràmh,
'S air bheag càil do chuideachd,
Bho 'n a dh'fhalbh Di-luain,
Té a' chuailein bhuidhe.
Do an bhaile mhór,
Far 'm bheil móran iomairt,
Chaidh mo rùn air chuairt,
Dh'fhàg sin buan mo mhulad.
'S iomadh nionag shuairc
'S an taobh tuath a' fuireach,
Dh'aindeoin 's na their càch,
Gheibht' oirr' fàilt' is furan.
Tha i bàidheil, grinn,
'S i cho binn ri cuthaig,
Tha i caoimhneil, tlàth,
Agus àrd an urram.
Air an ùrlar réidh
Tha a ceum ro-ullamh,
Freagairt do an cheòl,
Bhios na meòir a' cluich dhi.
Ann an dreach 's an sgiamh,
Ann am meud 's an cuma,
'S mór a tha de loinn
Air a' mhaighdinn lurach.
Anns an rìomhadh ùr
Thig à bùthan Lunnainn,
Coiseachd suas an t-sràid,
Cha bhi falaich cum' oirr'.
'S mi nach iarradh òr,
No aon stòras dìomhain,
Ach am bothan blàth
Le mo ghràdh a' fuireach.
Bho'n a dh'fhalbh i 'n dé,
Tha mi deurach uimpe,
'S beag tha fhios an-dràsd'
Cò ri m'ghràdh a' bruidhinn.
Bòrd a' bhàta-smùid,
Tha mo rùn an-diugh air,
Mis' an spag a' chroinn,
Is nach cluinn i guth bhuainn.
Och nan och, cha téid
Mis' air cheilidh tuilleadh,
Meòrachadh gun tàmh
Mar a bha mi 'n uiridh.
Thusa thilleadh slàn
Do'n tìr àrd do'm buin thu,
Toilichte le d'chuairt,
Gur e duan gach duine.
Bho nach dèan e feum
Dhomh bhith deurach tuilleadh,
Cha chan mi an còrr
Mu'n dèan Dòmhnall cumha.