Tha M'Inntinn Trom 'S Cha Tog Mi Fonn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Tha m'inntinn trom 's cha tog mi fonn,
A' siubhal thonn neo-thàbachdach,
Tha m'inntinn trom 's cha tog mi fonn.


'S ann Di-Luain a ghluais an long,
'S bu mhór an call mun d'ràinig i.

Shéid an stroim o'n àird an iar,
'S gum b'fhiadhaich leam a thàinig i.

Bha i 'n a caoire geala, greannach,
Dol seachad 'n a màmanan.

Bha cóig ciad againn air bòrd,
'S bha òl air fìon na Spàineadh ann.

'S ann air Di-Màirt 's Di-Ciadaoin,
Chaill sinn trian dh'an àireamh sin.

'S mun tàinig an ath Dhi-Ciadaoin,
Sianar a bh' an làthair dhiubh.

Là thuirt an Caiptean le guth ìseal,
"'S bochd an sgrìob a thàinig oirnn.

Ciamar théid sinn troimh Chaol Ile,
'S ann leam fhéin a dh'fhàg iad mi?

Ciamar théid na siùil ri croinn,
O'n dh'fhalbh na suinn a chàradh iad?

'S ciamar théid mi dh'an a leabaidh,
Cha chadal 's cha thàmh dhomh e?

Tha mi cuimhneachadh air an t-sluagh
Tha'n grunnd a' chuain a' tàmhachd ann."