Tha Mi An-Diugh Gu Tinn


[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Tha mi 'n diugh gu tinn,
Bha mi 'n raoir ag òl;
Le goirteas mo chinn,
Chan eil mi air dòigh,
Tha mi 'n diugh gu tinn;
Bha mi 'n raoir ag òl.


Bha mi 'n raoir a Mabou,
An cuideachd Aonghais Bhàin ann,
'S dh'òl mi de 'n stuth làidir;
Gus an dh'fhàs mi òg.

Cridhe mór na fèile;
Nach robh riamh na éiginn,
Lìon dhomh fhìn 's dha fhéin i,
'S thuirt gu feumainn òl.

Chaidh mi sin gu banais,
'S mi ri òl 'us caithream;
Dhannsain-sa ri'm fhealas
Cho mear ris na h-eòin.

Nuair thàinig mi dhachaidh,
Shìn mi air na cearchall,
'S run a' bhean air bata,
'S sgailc i mi mu'n t-sròin.

Bha mise 'nam shìneadh,
'S a bhean a' déanamh tì dhomh,
Mi fiachainn ri dìobhairt,
Gach ni rinn mi òl.

Dh'fhalbh mi latha na màireach,
'S chaidh mi sìos gu Mabou;
Fhuair mi botul làn ann,
'S b'fheàrr dhomh e na tì.