Tha Mìle Long air Cuan Éirinn


[Fonn / Tune]



Tha mìle long air cuan Éirinn,
Tha mìle long air cuan Éirinn,
Tha mìle long air cuan Éirinn,
'S truagh nach robh mi fhìn air té dhiubh.


[Séisd:]
Ho bà ba é, ho ba a bà e,
Ho bà ba é, ho ba bà e.
Ho bà ba é, ho ba a bà e,
Ho bà, ho bà, bà é, bà e.


Ho ì ho à, crodh an tàilleir: [x3]
Siosair is miaran is snàthad.

Cha tuit iad an toll no 'm féithe, [x3]
Ma thuiteas, gun tog e fhéin iad.

Gur binn guth eòin 'san deagh-mhaduinn [x3]
Gu cur a' ghille òig 'na chadal.

Tog dhìom do làmh, tha i fuar liom, [x3]
Righ! gur beag orm fear fuadain.