Tha Mo Leabaidh 'San Fhraoch
[Fonn / Tune]
Tha mo leabaidh 'san fhraoch
Fo shileadh nan craobh,
'S ged tha mi 'sa choille
Cha do thoill mi na taoid.
Tha mo leab' air an làr
'S tha mo bhreacan gun sgàil,
'S cha d'fhuair mi lochd cadail
O'n a spaid mi Cùl Chàirn.
Tha mo dhùil ann an Dia
Ged a dhìobradh Loch Iall,
Fhaicinn fhathast na chòirneal
An Inbhir Lòchaidh seo shìos.
Bha thu dìleas do'n Phrionns'
Is d'a shinnsre o thùs,
'S ged nach tug thu dha t'fhacal
Bha thu ceart air a chùl.
Cha b'ionnan 's MacLeòid
A tha 'n-dràsd' aig Rìgh Deòrs',
Na fhògarrach soilleir
Fo choibhreadh 'n dà chleòc.
A Mhic Dhòmhnaill gun sgoinn
'S ann a chòmhdaich thu 'n fhoill,
Ged a gheall thu bhith dìleas
'S ann a dhìobair thu 'n gréim.
Tha ball dubh ort 'san t-sròin
Is misd' thu ri'd bheò.
'S chan fheàrr thu na 'm baigeir
'S a bhata na dhòrn.
Cha b'ionnan 's an laoch
O Cheapaich nan craobh
Chaidh e sìos le chuid ghaisgeach,
'S nach robh tais air an raon.
Na fir acfhuinneach, chruaidh,
O Spiathain is o Ruaidh
Chaidh sìos fo'n ceann-feachda
B'fheàrr a bh'ac' 'san Taobh Tuath.
Ach nuair a thig am Prionns' òg
Is na Frangaich 'ga chòir,
Théid sgapadh gun taing
Ann an campa Rìgh Deòrs'.
Théid Diùc Uilleam à cùirt
Théid a thilgeadh air dùn,
'S chan éighear gu bràth air
Nas àirde na 'n cù.
'S ged tha mis' ann am fròig
Tha am botal 'nam dhorn,
'S gun òl mi 's chan àicheadh
Deoch-slàint a' Phrionns' òg.
[Dùghall Ruadh Camshron]