Tha Mo Rùn Air A' Ghille
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Tha mo rùn air a' ghille,
'S mór mo dhùil ri thu thilleadh,
'S mi gu siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann.
Oidhche shamhraidh dhomh 's mi m'ònar,
Smaointich mi gun dèanainn òran;
'S truagh a Rìgh nach mi bha pòsd'
Ri òigear a' chùil dualaich.
Gura h-e mo ghaol an t-òigear
A' chùil duinn 's a' leadain bhòidhich,
'S mi gu siubhladh leat far m'eòlais
Ged tha an còta ruadh ort.
'S mór a thug mi 'ghaol do'n fhiùran;
Tha mach à teaghlach Chill-Iùnduinn;
Sealgair fhiadh thu 'm Beinn-a'-bhùiridh,
'S eilid lùth nan luath chas.
Chuir thu falt mo chinn gu talamh,
Chuir thu mo ghruaidh dhearg an tainead,
'S truagh nach robh mise 's an anart
Mun deachaidh mo luaidh riut.
Ged tha blàth na bric' air a d'aodann
Cha do lùghdaich e mo ghaol ort,
'S mi gu siubhladh leat a' saoghal
Nan saoilinn-se do bhuannachd.
Phòsainn thu dh'aindeòin mo chàirdean,
Gun toil m'athar, no mo mhàthair,
Eachann saor a tha mi 'g ràitinn
Bhon 's e chnàmh a' ghruag dhiom.
Tha 'n Nollaig a' tigh'nn as ùr oirnn,
Ged a tha, gur beag mo shùrd rith',
'M fear nach fàgadh anns a' chùil mi,
Air chùl nan tonn uaine!
'S beag a shaoilinn féin an uiridh,
Gu'n treigeadh tu mi cho buileach;
Mar gu'n tilgeadh craobh a duilleach,
Dh'fhàs thu umam suarach.
Tha mi nochd a' dol a laighidh,
'S cinnteach leam gum faic mi aisling;
Thu bhi sìnte ann am leabaidh
Tacan air a' chluasaig.