Tha Mulad, Tha Mulad, Tha Lionn-Dubh Orm Fhéin

[Fonn / Tune]



Hì rì hoireann ò, hì rì hoireann ó.

Tha mulad, tha mulad, tha lionn-dubh orm fhéin,
Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó,
Tha de mhingin air m'aire, ni nach aidich mo bheul,
Hì ri ri ri o, roho hì hoireann ó.

Mu'n òganach gasda, ùr marcach nan steud,
Hì ri hoireann ó, [etc.]
Mu'n taca seo 'n uiridh bu thoil leat m'fhuran ro ceud.
Hì ri ri ri o, [etc.]

Cha mhó mi ort 'm bliadhna na eunlaith nan speur,
Chan inns' mi dha'm phiuthar meud mo chum' as do dhéidh.

Na dha'm mhàthair a rug mi, chuir mi cudtrom na ceum,
Tha sac trom air mo chridhe nach tog fidheall nan teud.

'S gura truime mo chridhe na fidheall gun ghleus,
No ged chanainn e rithist, òg-nighean fo bhréid,

No té bhiodh air pòsadh fear nach deònaich i fhéin,
'S mi direadh a' ghleannain 's trom 's gur ainneamh mo cheum.

Ach a Mhairead nan cuiread, 's dàn a chuir orm breug:
Thilg thu orm-sa mar aileis 's nach b'uilear dhomh 'm bréid.

Gu robh leanabh am pasgadh fo asna mo chléibh --
Cuim' nach innseadh tu 'n fhìrinn mar a dh'innsinn ort fhéin?

Ann an làthair mo thighearn' far am bithinn 's tu réidh,
Thilg thu orm-sa mar dhearrais gun robh m'athair an éis.

Chan ionnan dha m'athair is dha d'athair-sa fhéin,
Cha bu choltach mo bhràithrean ri d'ghàrlaich gun spéis,

Chan ionnan na taighean 'n àm laighe do'n ghréin.
'S ann a gheibhte, 'n taigh d'athar-s', cinn is cnàmhan an éisg;

'S ann a gheibhte, 'n taigh m'athar-s', cinn is casan an fhéidh.
'S teine mór a' cur smala, mnathan geala cur gréis,

Òl air chupannan breaca, 's fìon dathte as a dhéidh.
Ruairidh òig 'ic Nìll Bharraidh, slàn fallain dhut fhéin.

'S air tùs an t-siùil mhara dh'fhalbh an gallan òg treun.
Guma slàn thig do bhuidheann far gach rubha gu'n téid,

Far muir gucagach domhain far nach tomhais i ceum.
Chunnaic mis' an t-òg uasal seachad suas seo an dé,

Do ghunna air do ghualainn 'dol a ruagadh na spréidh,
Féileadh beag ann an cuaich ort, ciutha dualach trom réidh,

Chaidh thu choimhead na gruagaich leis am buannaich thu spréidh.
Tha mulad, tha mulad, tha lionn-dubh orm fhéin.