Tha Smeòrach 'Sa Mhaduinn Chiùin

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Tha smeòrach 'sa mhaduinn chiùin,
Binn, binn a' ceileireadh;
Tha smeòrach 'sa mhaduinn chiùin
Ge b'e cò a chluinneadh i.


Air maduinn mhoich 'san doire dhlùth,
Lusan 's flùrain lurach innt',
Ach 's annsa leamsa seirm a' chiùil,
'S eun mo rùin toirt luinneig dhomh.

O seinnidh druid am bun nan stùc,
Goiridh smùdan 's cuthag ann;
Ach 's grinne leams' na aon dhe'n triùir
Smeòrach bheag a' bhinne-ghuth.

The ceileir smeòil air ògan ciùil,
Moch is drùchd air duilleagan,
A' dùsgadh m'aigne-sa gu sunnd:
Gur cruit-chiùil na cruinne i.