Théid Mi ‘Gad Amharc

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O théid mi ‘gad amharc, O théid, O théid,
O’n fhuair mi uat gealladh an dé, an dé;
Cha bhi mi na’s fhaide leam fhéin, leam fhéin;
‘S gun dean sin e daingeann le cléir, le cléir.


Tha ‘n latha ‘dol seachad gun fheum, gun fheum,
Is mise ‘s mi fhathast gun té, gun té;
‘S e dh’fhàg mi cho falamh gu léir, gu léir,
Bhi fada ‘san tarruing, ‘s mi ceum air cheum.

Is iomadh seann-fhleasgach, mo chreach, mo chreach,
Nan innseadh e ‘n fhìrinn le dreach, le dreach,
Gum b’fheàrr leis bhi sìnte gu h-ìosal a chaoidh
Nan saoghal a shiubhal a-rithist gun mhnaoi.

Na bitheam ‘san àireamh, a ghaoil, a ghaoil,
Thoir thusa do làmh dhomh gu saor, gu saor;
No gabhaidh tu ‘n t-aithreachas latha nach saoil,
‘S bidh mise gu math dheth, ‘s té eile ri m’thaobh.

Sin a nis agad mo bheachd, mo bheachd,
‘S do chridhe ma th’agam, na fuirich air t’ais;
Mas toigh leat an coisich’ na feith ris an each;
Tha ‘n òige ‘dol seachad ‘s tha ‘n aois a’ teachd.