Thig Am Bàta


Thig am bàta, àill i ó,
Ro àilleagan àill i ó,
Moch am màireach, hai ó,
Ro àilleagan àill i ó.

Bidh m'athair innt', àill i ó,
Ro àilleagan àill i ó,
'S mo thriùir bhràithrean, hai ó,
Ro àilleagan àill i ó.

Mo chéile donn, àill i ó, [srl.]
Air ràmh braghad.

Gheibh iad mise
Air mo bhàthadh.

Togaidh iad mi
Air na ràmhan.

Mo bhreacan donn
Snàmh na fairrge.

Mo chuailean donn
Measg nan carraicean.

Cha b'e 'n t-acras
Chuir do'n tràigh mi,

Miann an duileasg,
Miann nam beàrnach;

Falbh na tràghad...
Soiridh eile

Gu mo phàisdean:
Fear ac' dà bhliadhn',

Fear ac' bliadhna.
Am fear bliadhna

Nach eil làidir;
Dh'fhàg mi e

Anns a' chùlaist.
Iarraidh e nochd

Cìoch a mhathar;
Ma dh'iarr chan fhaigh e

Ach sùgan sàile.
O mo mhallachd

Aig bean eudaich.
Dh'fhàg i mise

'S an sgeir bhàthte.
Thig am bàta

Moch am màireach;
Gheibh iad mise

Air mo bhàthadh.