Thug Mi Gaol Do'n Fhear Bhàn

[Fonn / Tune]



[Sèisd:]
Thug mi gaol, thug mi gaol,
Thug mi gaol do'n fhear bhàn;
Agus gealladh thu mi, luaidh,
O, cha dual dhomh bhi slàn.


Chaidh am bàta troimh 'n a' chaol
Le na daoine Di-Màirt;
'S mise phaidh am fàradh daor,
Bha mo ghaol air a clàr.

Chunn'cas long air a' chuan,
'S i cur suas nan seòl àrd;
Nuair a dhiùlt i dol mu'n cuairt,
Bha mo luaidh-s' air an t-snàmh.

'S tacan mu'n do laidh a' ghrian
Bha mi fianuis mo ghràidh;
Tha e nis air grùnnd a' chuain,
O, gur fuar àite tàmh.

Bha mi 'bruadar an-raoir
A bhi 'n caoimhneas mo ghràidh;
'S nuair a thug e rium a chùl,
Shil mo shùilean gu làr.

Bha mi deas is bha mi tuath,
Bha mi 'n Cluaidh uair no dhà,
Dheth na chunnaic mi fo'n ghréin,
Thug mi spéis do'n fhear bhàn.

'S cha téid mise thigh a' chiùil,
Tha mo shùgradh gu làr;
Bha mi 'n caoimhneas thusa, rùin,
Tha 'sa ghrùnnd far nach tràigh.